Moladh airson "slighe eaglaisean" ann an Dùthaich MhicAoidh

Chaidh Eaglais Naomh Anndra ann an Tunga a dhùnadh ann an 2023
- Air fhoillseachadh
Tha planaichean ann air taobh tuath Chataibh dà eaglais a th' air a bhith dùinte beagan bhliadhnaichean fhaighinn an làmhan nan coimhearsnachdan sa bheil iad.
Bhiodh iad an ceann sreath, thathar an dòchas, mar phàirt de "shlighe eaglaisean" ann an ceann a tuath na dùthcha.
Tha Eaglais na h-Alba a' reic dà thogalaich - an Tunga agus am Mealanais - agus tha iomairt a' dol anns gach baile an ceannach às leth na coimhearsnachd.
Thathar airson ionad-dualchais a stèidheachadh anns gach eaglais a dh'innseas chan e a-mhàin eachdraidh inntinneach nan togalaichean fhèin ach sgeulachd an luchd-adhraidh a bha uair gam frithealadh.

Tha Eaglais Mhealanais cuideachd ga reic le Eaglais na h-Alba
Ann an Tunga tha iomairt a' dol feuch eaglais Naomh Anndra a cheannach bho Eaglais na h-Alba.
'S ann air an làraich a chaidh mòran de Chinn-Fheadhna Chlann MhicAoidh agus an luchd-dàimh a thiodhlacadh.
Chaidh an eaglais a dhùnadh ann an 2023 air adhbharan sàbhailteachd agus tha Eaglais na h-Alba a-nis a' coimhead ri a reic.
Tha Terri Nic an t-Saoir bhon bhuidhinn-stiùiridh a th' airson a cheannach ag ràdh gu bheil "an togalach air a dhol bhuaithe".
Thuirt i: "Le bhith ga h-ath-stèidheachadh gus an gabh a chleachdadh às ùr, bhiodh e a' samhlachadh na coimhearsnachd a' tighinn còmhla."
Tha iad a' sireadh inbhe chathrannais airson an iomairt a thoirt air adhart, agus feumaidh iad sgrùdadh comais agus plana-gnìomha a dhèanamh mus tòisich iad air airgead a shireadh airson an togalach a cheannach.
Thug Eaglais na h-Alba gu deireadh an Iuchair dhaibh an t-airgead a bhios a dhìth orra a thogail.

Fo-thiotal an deilbh, Tha muinntir Mhealanais, cleas bailtean eile, airson taisbeanadh a bhith aca de dh'eachdraidh an t-sluaigh
1 de 4
Tha Eaglais na h-Alba cuideachd a' reic an t-seann àite-adhraidh aca ann am Mealanais.
Shoirbhich le tagradh a rinn Comann Eaglais Coimhearsnachd Mhealanais gu Stòras Fearainn na h-Alba san Dùbhlachd a thug dhaibh còrr air £500,000 a chuidicheas iad sealbh fhaighinn air an t-seann eaglais.
Tha Dorothy Pritchard bhon bhuidhinn ag ràdh gur e togalach air leth cudromach ann an eachdraidh na sgìre.
Thuirt i: "Chaidh a thogail le muinntir Mhealanais aig àm nuair nach robh mòran aig daoine. Ge-tà, thàinig iad uile còmhla agus phàigh iad agus thog iad fhèin an eaglais ud.
"Cha b' e uachdaran neo duine beartach a thug an eaglais dhaibh. 'S e luchd-ciùird ionadail a thog i agus tha i air a togail gu grinn."
"Thog iad fhèin an eaglais ud"
Tha an iomairt aca a' faighinn taice bho Oighreachd Chroitearan Mhealanais agus thathar a' beachdachadh air na diofar dhòighean a ghabhadh an togalach a chleachdadh.
Nam measg tha àite airson bainnsean agus cuirmean eile, ionad-dualchais a bhiodh a' taisbeanadh sgeulachd baile Mhealanais agus cafaidh.
Tha iad cuideachd a' meòrachadh air "slighe eaglaisean" leis na bailtean eile gu h-ionadail a tha a' ceannach nan eaglaisean aca, chan e a-mhàin an Tunga ach ann an Alt na h-Eirbhe agus sa Bhlàran Odhar cuideachd.
Tha an dà phròiseact, ann an Tunga agus ann am Mealanais, aig ìre thràth ach 's dòcha nach fhada gus am bi na seann eaglaisean eachdraidheil aca a' tarraing dhaoine uair eile.


