"Tha na tha siud de sgeulachdan san togalach ud!"

- Air fhoillseachadh
Tha buidheann coimhearsnachd a th' air sealbh a ghabhail air Seann Àrd-Eaglais Inbhir Nis ag ràdh gu bheil farsainneachd de phlanaichean aca airson an togalach eachdraidheil a chur gu feum, ach gun toir e treis fhathast mus tòisich càil.
Cheannaich a' bhuidheann an togalach bho Eaglais na h-Alba an dèidh dhaibh a dhùnadh 's a chur air a' mhargaidh ann an 2022.
Chuir sin dragh air a' choimhearsnachd gun deadh pàirt prìseil de dhualchas a' bhaile a chall, agus rinneadh oidhirp air airgead a thogail airson a ghlèidheadh dhan choimhearsnachd.
'S ann air an làraich, air tom os cionn bhruaichean Abhainn Nis, a stèidhich Calum Cille a' chiad eaglais ann an Inbhir Nis ann an 565AD.
Bhon uair sin, 's iomadh rud a thachair ann.
Tha a' bhuidheann Save the Old High a-niste le sealbh air an togalach, ged a th' aca fhathast ri cuid den airgead a lorg.
'S e obair là tòiseachadh, a rèir Rùnaire na buidhne, Chris Lewcock.
"Tha sinn an dòchas gum faigh sinn air buidhnean glè bheag fhaighinn a-steach 's iad air cuairt a bhucadh, agus tha sinn fhathast a' beachdachadh air ciamar a dhèanamaid sin," thuirt e.
"Tha sinn feumach air eòlas a chur air an obair, agus tha sinn airson 's gur e obair cheart phroifeiseanta a bhios ann as t-fhiach airgead dhaoine."
Tairgsean a-staigh 'son Seann Àrd-Eaglais Inbhir Nis a cheannach
- Air fhoillseachadh30 An t-Ògmhios 2025
Dùil ri Seann Àrd-Eaglais Inbhir Nis a bhith na hub coimhearsnachd
- Air fhoillseachadh7 An Lùnastal 2025
Iomairt choimhearsnachd 'son seann Àrd-Eaglais Inbhir Nis a cheannach?
- Air fhoillseachadh12 An Gearran 2025
Tha an togalach air a bhith dùinte mu cheithir bliadhna a-niste - priobadh na sùla ann an eachdraidh 1,500 bliadhna na làraich mar àite-adhraidh.
San ùine sin tha dà rud gu sònraichte air tachairt ann an Inbhir Nis - an Caisteal a bhith a' fosgladh mar ionad do luchd-turais, agus ron sin an Cultarlann a bhith air fhosgladh ann an seann eaglais eile faisg air làimh.
Tha a' bhuidheann a' faicinn cothrom rud eadar-dhealaichte a dhèanamh, agus co-obrachadh leis a' Chultarlann.
"Tha ùidh cho-roinnte againn, gu follaiseach, ann a bhith a' faighinn dà eaglais air ais gu dol agus cur ris na tha ri fhaicinn ann an Inbhir Nis," thuirt Mgr Lewcock.
"Tha gach buidheann saoilidh mi, ann an diofar dhòighean, airson cur ris na tha a' tachairt aig a' Chaisteal.
"Tha an Caisteal, saoilidh mi, a' toirt deagh shealladh farsainn do dhaoine air eachdraidh na Gàidhealtachd agus eachdraidh Inbhir Nis 's mar sin air adhart.
"Anns an eaglais fhèin, bidh leithid Chaluim Chille ann 's an Rìgh Bruide, agus mar a chaidh prìosanaich Sheumasach a chur gu bàs aig an eaglais an dèidh Chùil Lodair.
"Tha na tha siud de sgeulachdan san togalach ud!"