Casg air prìsean bìdh agus referendum ùr - manifesto an SNP

Iain Swinney
Fo-thiotal an deilbh,

Chuir Iain Swinney manifesto an SNP air bhog aig tachartas ann an Glaschu

  • Air fhoillseachadh

Chuir an SNP cosgais a' bhìth-beò aig cridhe a' mhanifesto aca airson taghadh Holyrood, a dh'fhoillsich iad an-diugh sa mhadainn.

Tha an SNP air a bhith a' riaghladh Alba fad 19 bliadhna.

A' cur a' mhanifesto, taobh a-muigh air bhog aig tachartas ann an Glaschu, thuirt Ceannard a' phàrtaidh, Iain Swinney, gu bheil e "misneachail agus làn-dòchais" mun àm ri teachd, ag ràdh gu bheil dùil aige mòr-chuid a bhuannachadh, referendum eile air neo-eisimeileachd fhaighinn agus sin a bhuannachadh cuideachd.

'S e cosgais a' bhith-beò "a th' aig cridhe an taghaidh seo", thuirt e.

Am measg nam poileasaidhean aca airson cuideachadh le sin, tha casg a chur air prìsean bìdh riatanach leithid arain is bainne, agus gum faighear ticead bus air £2 ge b' e càite a bheilear a' siubhal air feadh Alba.

'S ann air na bùithdean mòra a bheireadh an casg buaidh, seach air bùithdean beaga, thuirt Mgr Swinney.

Chuir e ìmpidh air Riaghaltas Bhreatainn gun Achd In-mhargaidh na Rìoghachd Aonaichte a chleachdadh airson bacadh a chur air a' phoileasaidh gus casg a chur air prìsean bìdh, ag ràdh gur e "uabhas moralta" a bh' ann gu bheil daoine a' strì gus biadh a cheannach.

Thuirt iad cuideachd gum biodh cosgaisean cumhachd na b' ìsle ann an Alba neo-eisimeilich, le gealltanas ann cuideachd an dùthaich a thilleadh dhan EU nam bhòtadh an sluagh airson neo-eisimeileachd ann an referendum eile a thachradh "ro 2028".

Tha gealltanas cumail air cùrsa airson Net Zero a ruighinn, le buannachd nas fheàrr gu bhith ann do choimhearsnachdan air an toir leasachaidhean ath-nuadhachail buaidh.

Aiseagan is cùram-slàinte

Air slàinte, gheall e gun deadh siostam bucaidh nàiseanta a chur an sàs airson choinneamhan dotair, le barrachd chlionaigean dotair-teaghlaich dham faodar coiseachd a-steach ann cuideachd.

Tha gealltanas ann cuideachd molaidhean Sir Lewis Ritchie a chur an sàs airson cùram èiginneach a là 's a dh'oidhche a thilleadh gu Ospadal Phort Rìgh.

Dheadh seirbheis bhana fiaclaireachd a stèidheachadh anns na h-Eileanan Siar, le maoineachadh £750,000 air a cùlaibh, agus gealltanas tabhartasan nas fheàrr a dhèanamh airson fiaclairean a bharrachd a thàladh dhan sgìre.

A thaobh còmhdhail, gheall an SNP siostam faraidhean RET a ghlèidheadh air na h-aiseagan, le gealltanas cuideachd structar nam buidhnean a tha an urra ri aiseagan ChalMac a dhèanamh nas èifeachdaiche agus nas cunntachaile.

Chuireadh iad cuideachd Bile Ath-nuadhachaidh Dhùthchail air beulaibh na Pàrlamaid, a' coimhead ri riaghailtean dealbhachaidh a thaobh leasachaidh cheadaichte ath-leasachadh, agus a chruthaicheadh tacan-fearainn beaga ùra airson sluagh a thàladh gu sgìrean dùthchail.

Dheadh £75m a chur ri bhith a' togail thaighean air a h-uile seòrsa seilbh is gabhaltais ann an sgìrean dùthchail air feadh na h-Alba.

Gealltanasan eile

  • Cùram-cloinne a leudachadh

  • Ùrachadh taice do chroitearan ùra

  • Taic do mhàladairean agus daoine a' ceannach an ciad dachaigh

  • Stòras saibhir nàiseanta a chruthachadh bho chumhachd na gaoithe

  • Cìs a chur air taighean mòra luachmhor

  • Cìs a chur air itealain jet bheaga phrìobhaideach

  • Casg air fònaichean-làimhe anns an t-seòmar-teagaisg

  • Bun-tuarastal a thoirt do luchd-ealain

  • Net Zero a ruighinn ro 2045

  • Barrachd airgid ri Maoin Bhun-structair na Turasachd Dùthchail

Thèid taghadh na Pàrlamaid Albannaich a chumail Diardaoin an 7mh là den Chèitean.