Dùinidh rathad an Leòdhas agus filmeadh An t-Eilean a' dol air adhart

Bidh an rathad singilte dùinte Dihaoine agus Diluain ach bidh slighean eile do dhraibhearan
- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle nan Eilean Siar a' toirt rabhadh do dhraibhearan gun tèid Rathad Beinn a' Bhuna, an rathad singilte eadar ceann-rathaid Rathad a' Phentland agus an Acha Mòr ann an Leòdhas, a dhùnadh Dihaoine agus Diluain rè ùine.
Tha seo airson leigeil leis an sgioba a tha ag obair air an dàrna sreath den dhràma Ghàidhlig An t-Eilean filmeadh a dhèanamh.
Air adhbharan sàbhailteachd dùinidh iad an rathad eadar 5.00f agus meadhan-oidhche a-màireach agus a-rithist Diluain an 20mh den Ghiblean.
Tha An t-Eilean a' tilleadh an dèidh cho math 's a rinn a' chiad sreath
- Air fhoillseachadh17 An Gearran
Duaisean 'son an An t-Eilean a' toirt "togail is misneachd" dhan Ghàidhlig
- Air fhoillseachadh23 An Cèitean 2025
Faodadh draibhearan slighean eile a ghabhail air an C35, Rathad a' Phentland, agus an A859, am prìomh rathad eadar Leòdhas agus Na Hearadh.
A bharrachd air na h-amannan sin, thuirt Comhairle nan Eilean Siar gum faodadh am filmeadh dàil a chur air trafaig aig diofar àitichean eile san sgìre sna seachdainean air thoiseach oirnn.