Thug comhairlichean bàrrachd ùine seachad gus talla-ciùil an Ironworks a leagail

An Ironworks air Sràid Acadamaidh an Inbhir Nis le graffiti OPEN THIS PLACE AGAIN sgrìobhte air Tùs an deilbh, OLIVIA ANDREWS
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an Ironworks a dhùnadh sa Ghearran 2023

  • Air fhoillseachadh

Chaidh barrachd ùine a thoirt do luchd-leasachaidh talla-ciùil an Ironworks ann an Inbhir Nis a leagail - còrr is trì bliadhna an dèidh mar a chaidh a dhùnadh.

B' e an Ironworks an aon àite sa bhaile a chaidh a thogail a dh'aona-ghnothach airson cuirmean-ciùil is eile agus bha Calvin Harris, Biffy Clyro agus Babyshambles am measg na nochd air an àrd-ùrlar.

Chaidh a dhùnadh sa Ghearran 2023 agus bha planaichean aig an luchd-seilbhe an làrach air Sràid Acadamaidh ath-leasachadh. Fhuair iad cead taigh-òsta a thogail.

Chuir comhairlichean Gàidhealach taic ri iarrtas Upland Properties Earr. trì bliadhna eile a thoirt dhaibh mus tòisich iad am pròiseact.

Chaidh cead-dealbhachaidh a thoirt seachad airson taigh-òsta anns am biodh 155 seòmar-cadail air an làraich, ach cha do thòisich an obair agus cha deach an talla-ciùil a leagail fhathast.

Bhon uairsin bha aithrisean gun robh a' chompanaidh leis an robh an làrach Bricks Capital Earranta air a dhol ann an rianachd. Tha e a-nis fo shealbh Upland Properties Earranta.

Dh'aontaich buill comataidh-dealbhachaidh a' chinn a deas aig Comhairle na Gàidhealtachd trì bliadhna a bharrachd a thoirt don chompanaidh.

Thuirt an comhairliche Tòraidheach Isabelle NicCoinnich gun robh an làrach bhàn a' milleadh coltas a' bhaile agus a' toirt droch bhuaidh air a h-uile càil a bha a' dol timcheall air.

"Chan eil e gu buannachd sam bith dhuinn," thuirt i.

Thuirt oifigear planaidh gun robh ùidh aig daoine sa làraich agus gun robh còmhraidhean aig "ìre adhartach".

Bha an comhairliche Làbarach Mìcheal Gregson air moladh a chur air adhart nach fhaigheadh an luchd-leasachaidh ach bliadhna a bharrachd a-mhàin, ach an dèidh deasbaid tharraing e am moladh.

Dh'aontaich comhairliche an SNP Ken Gowans leudachadh trì bliadhna a thoirt seachad, ach thuirt e gun robh leisg air sin a dhèanamh.

Tha gu 2028 a-nis aig Upland Properties Earr tòiseachadh air a' phròiseact.

Twin AtlanticTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Twin Atlantic air aon de na còmhlain mu dheireadh a chluich aig an Ironworks mus do dhùin e sa Ghearran 2023

Bha Twin Atlantic air aon de na còmhlain-chiùil mu dheireadh a nochd aig an Ironworks mus do dhùin an làrach sa Ghearran 2023.

Chaidh dà chuirm air an robh fèill mhòr a chumail airson dùnadh an Ironworks a chomharrachadh.

B' e Twin Atlantic à Glaschu am prìomh chòmhlan aig a' chiad chuirm, agus 's e an còmhlan-ciùil traidseanta bhon Ghàidhealtachd Elephant Sessions a nochd air an dàrna oidhche.

Tha ceanglaichean làidir aig gach còmhlan leis an Ironworks, le Twin Atlantic a' nochdadh airson an 13mh turas.