Mòd Ionadail Chataibh is Ghallaibh gu bhith ann an dèidh beàrn 10 bliadhna

Goillspidh Tùs an deilbh, DAVID DIXON/GEOGRAPH
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh am Mòd Ionadail a' tachairt ann an Goillspidh uair eile san Ògmhios

  • Air fhoillseachadh

Tha tè-chiùil phroifeasanta à Cataibh a' cur air dòigh Mòd uair eile sa sgìre airson na h-aon chothroman a thoirt don òigridh agus a fhuair ise na nighean òg.

'S i Jennifer Port Cathraiche Mòd Ionadail Chataibh is Ghallaibh a bhios air a chumail ann an Goillsipidh san Ògmhios airson a' chiad uair ann an 10 bliadhna.

Choisinn an clàrsair is seinneadair cliù nuair a chluich i aig banais Madonna agus Guy Ritchie ann an Dòrnach ann an 2000.

Tha i ag ràdh gun robh a bhith a' farpais aig a' Mhòd ionadail cudromach a thaobh mar a roghnaich i obair ann an saoghal a' chiùil.

Thuirt i: "Bha mi a' faireachdainn gun robh e air leth cudromach dìleab a chruthachadh agus cothroman a thoirt do chàch mar a fhuair mise

"Gu mì-fhortanach thàinig crìonadh air ann an Goillspidh. Tha am Mòd Nàiseanta air a bhith an Goillspidh dà thuras agus, mar sin, 's e adhbhar tàmailt a bh' ann nach robh Mòd ionadail ann tuilleadh."

Tha dùil gum bi mu 20 mòdan ionadail gan cumail air feadh na dùthcha am-bliadhna le na cinn-là airson feadhainn aca fhathast rin dearbhadh.

Anns na beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh chaidh na fèisean beaga a stèidheachadh ann an àitichean far nach robh iad a-riamh.

Thuirt Ms Port gur e a bhrosnaich i am Mòd ann an Goillspidh ath-stèidheachadh a bhith na britheamh aig a' Mhòd Nàiseanta ann an Loch Abar an-uiridh.

"Thuirt mi ris an duine agam gur e an aon dòigh agus a bhiodh an aon eòlas aig ar clann 's a bha agamsa nam phàiste 's e am mòd a chur air dòigh mi fhèin agus 's e sin a rinn mi!"

Bidh an tachartas ga chumail ann an Àrd-sgoil Ghoillspidh Disathairne an 6mh den Ògmhios.

Gheibhear fiosrachadh mun tachartas agus na mòdan ionadail eile air làrach-linn a' Chomuinn Ghàidhealaich. , taobh a-muigh