Cead do bhith a' leagail an Ironworks

  • Air fhoillseachadh
An Ironworks

Cho-dhùin comhairlichean na Gàidhealtachd gun tèid taigh-òsta a thogail air làrach talla-ciùil an Ironworks ann am meadhan Inbhir Nis.

Tha luach £30m ann am planaichean na companaidh Bricks Capital.

Bhiodh còrr 's 150 leabaidh anns an taigh-òsta air Sràid na h-Acadamaidh.

Aig coinneamh de Chomataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas, bha aig a' chathraiche ri co-dhùnadh deireannach a dhèanamh agus a' bhòt co-ionnan seachd bhòtaichean an urra, airson agus an aghaidh cead-dealbhachaidh a thoirt seachad.

Ionadail

Tha meas mòr aig gu leòr air an Ironworks agus luchd-ciùil ag ràdh nach eil àite eile coltach ris sa bhaile no air Ghàidhealtachd.

A' bruidhinn an dèidh a' cho-dhùnaidh, thuirt stiùiriche an Ironworks, Caroline Chaimbeul:

"Tha 14 bliadhna shònraichte air a bhith againn mar an ionad chiùil neo-eisimeileach as motha air Ghàidhealtachd.

"Bho thoiseach, b' e ar lèirsinn ceann-uidhe sònraichte a chruthachadh air an coimheadadh luchd-leantainn a' chiùil air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan mar an t-ionad aca fhèin. Àite san cruinnicheadh iad, san dèanadh iad càirdean ùra agus cuid de na còmhlain as fheàrr leotha fhaicinn.

"Thar nam bliadhnaichean, tha sinn moiteil às na rinn an Ironworks ann a bhith a' tàladh cuid den luchd-ciùil as ainmeile san t-saoghal gus nochdadh air beulaibh luchd-èisteachd na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

"Mar ionad, thug sinn barantas gu math tràth gun cuireamaid gnìomhachas ionadail a' chiùil aig cridhe na dhèanamaid, a' cruthachadh chothroman cudromach leasachaidh do luchd-ciùil, luchd-brosnachaidh, luchd-einnsinnìridh agus eile a tha stèidhichte san sgìre, ach am faigheadh iad sgilean cudromach ann an àrainneachd phroifeasanta.

"Mar a tha fhios aig gu leòr, tha fada a bharrachd an lùib an Ironworks na ionad-ciùil a-mhàin. Bha sinn riamh a' faireachdainn gum feumadh sinn an t-àite a dhèanamh fosgailte dhan choimhearsnachd san fharsainneachd.

"Tha cuid de dh'oidhcheannan draoidheil fhèin air a bhith ann aig an Ironworks, agus b' e pribhleid a bh' ann a bhith a' coimhead ceòl beò a' ceangail dhaoine ri chèile. Tha sinn an dòchas gun tug sinn dhuibh cuid de na h-oidhcheannan as fheàrr nur beatha, agus cuimhnichean a mhaireas," thuirt i.

Tha dùil gum fuirich an Ironworks fosgailte gu co-dhiù deireadh na bliadhna.

Cosnaidhean

Chuir Bricks Capital fàilte air co-dhùnadh na Comhairle.

"Tha sinn air ar dòigh gun do shoirbhich leinn 's gun toir sinn taigh-òsta ùr dhan bhaile agam fhèin mu choinneimh an iarrtais ris a bheil dùil sa ghnìomhachas," thuirt àrd-oifigeach na buidhne, Ailean MacDhàibhidh, a bhuineas do dh'Inbhir Nis.

"Suidhidh sinn a-niste sìos còmhla ri manaidsearan an Ironworks a chur air dòigh clàr-ama a fhreagras air gach taobh.

"Tha an co-dhùnadh seo a' toirt £30m a-steach a dh'Inbhir Nis, 's bidh e na chuideachadh do mheadhan a' bhaile ann a bhith a' slànachadh na h-eaconomaidh. Bidh 65 cosnadh làn-ùine ann, a thuilleadh air còrr air 100 cosnadh tron obair-togail.

"Thug e ùine mhòr an ìre seo a ruighinn, ach bhruidhinn sinn gu dlùth ri luchd-dealbhachaidh Comhairle na Gàidhealtachd agus le Panal Ath-sgrùdaidh an Dealbhachaidh agus Sgioba na h-Àrainneachd Eachdraidheil gus atharrachaidhean a thoirt air na planaichean a cheadaich dhaibh moladh gun deadh leigeil leotha a dhol air adhart," thuirt e.