Ruairidh Ceannadach gu bhith na sgiobair air Alba an Corcaigh

- Air fhoillseachadh
'S e Ruairidh Ceannadach à Baile Ùr an t-Slèibh an caiptean a bhios aig sgioba nam fear aig Alba nuair a chluicheas iad an aghaidh na h-Èireann ann an Corcaigh Disathairne.
Tha an Ceannadach, 34, air a bhith na phàirt air leth cudromach do loidhne-dìon a' Bhaile Ùir thairis air iomadh bliadhna is e air na duaisean mòra uile ann an iomain a bhuannachadh leis a a' chluba.
Aig ìre phearsanta bhuannaich e cuideachd Bonn Albert Mhic a' Ghobhainn mar shàr-chluicheadair cuairt dheireannach Chupa na Camanachd ann an 2019.
"Tha mi air mo dhòigh a bhith nam phàirt de sguad cho tàlantach agus 's e fìor urram a th' ann a bhith nam sgiobair," thuirt e.
"'S e an-còmhnaidh geama gu math farpaiseach a th' ann an aghaidh nan Èireannach ach tha sinn air trèanadh còmhla gu math anns na seachdainean mu dheireadh is tha sinn deiseil is deònach a dhol an sàs Disathairne."
Chaidh Rona Stiùbhart aig Bàideanach ainmeachadh mar-tha mar chaiptean air sgioba nam ban.
Bidh an dà gheama aig Páirc Uí Chaoimh ann an Corcaigh Disathairne, na boireannaich aig 4f is na fir aig 6f.
Chithear iad air YouTube TG4, taobh a-muigh.