Rona Stiùbhart na sgiobair air Alba Disathairne

Rona StiùbhartTùs an deilbh, Comann Camanachd nam Ban
  • Air fhoillseachadh

Chaidh Rona Stiùbhart ainmeachadh mar chaiptean air sgioba nam ban aig Alba 'son a' gheama iomain eadar-nàiseanta ann an Corcaigh Disathairne.

Tha Rona air a bhith na pàirt den sgioba aig Bàideanach a bhuannaich air an t-seusan seo a' Phrìomh Lìog, Cupa Valerie Fhriseil is Cupa ùr na Prìomh Lìge.

'"S e urram mòr a th' ann a bhith nam sgiobair," thuirt Rona.

"Tha buidheann gu math làidir againn is tha mi air mo dhòigh a bhith os on cionn".

Thèid boireannaich na h-Alba an aghaidh na h-Èireann aig Páirc Uí Chaoimh aig 4f.

Bidh geama nam fear ann an uairsin aig 6f.

Tha an dà sguad mar a chaidh ainmeachadh an seo, taobh a-muigh.

Tha atharrachadh ann am buidheann nam fear is Alasdair MacIlleathain aig Gleann Urchadain a' tighinn a-steach an àite Chaluim Ghrannd aig Ceann a' Ghiùthsaich is esan air a ghoirteachadh.

Bidh na geamaichean air an craoladh beò air YouTube TG4, taobh a-muigh.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte