Buannachdan dhan Ghàidhealtachd air fàd à inbhe Cathair-Bhaile a' Chultair

- Air fhoillseachadh
Tha an duine a bhios os cionn oidhirp 'son inbhe Cathair-bhaile a' Chultair fhaighinn 'son Inbhir Nis is a' Ghàidhealtachd ag ràdh gu bheil cothrom air buannachdan mòra dhan sgìre gu lèir.
Chaidh innse sa Mhàrt gun robh Inbhir Nis is a' Ghàidhealtachd am measg naoi àitichean a tha air an liosta-fhada airson tiotal Cathair-bhaile a' Chultair san Rìoghachd Aonaichte ann an 2029.
Tha dearbhadh ann a-nise gur e Bryan Beattie stiùiriche an tagraidh.

Bha Bryan Beattie na stiùiriche cruthachail aig pròiseact Chaisteal Inbhir Nis is an togalach a-nise air ath-nuadhachadh fhaighinn mar thaigh-tasgaidh is àite-taisbeanaidh
Tha Mgr Beattie air a bhith an sàs ann an roinn nan ealan air a' Ghàidhealtachd fad iomadh bliadhna agus bha e gu bho chionn ghoirid na stiùiriche cruthachail aig pròiseact Chaisteal Inbhir Nis.
Ged a tha bailtean a fhuair tiotal Cathair-bhaile a' Chultair roimhe air pàirtean den sgìre timcheall orra a thoirt a-steach, 's e Inbhir Nis is a' Ghàidhealtachd a' chiad tagradh oifigeil sgìreil a-riamh.
Tha Mgr Beattie ag ràdh gu bheil seo aig cridhe a' ghnnothaich.
"Bhiodh an inbhe seo na bunait airson airgead a chosg air cultar, coimhearsnachd is ceanglaichean air feadh na Gàidhealtachd.
Inbhir Nis san rèis airson tiotal Cathair-Bhaile a' Chultair
- Air fhoillseachadh18 Am Màrt
£3m do Steòrnabhagh ma gheibh e tiotal Baile Cultarail na Rìoghachd Aonaichte
- Air fhoillseachadh16 Am Màrt
Ceòl ùr bho Chaisteal Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh10 An Gearran
"Bidh an sgeulachd a bhios sinn ag innse freumaichte ann an àite agus ann an coimhearsnachd, ann an Gàidhlig agus san tìr, anns na gnothaichean cruthachail a th' againn seo seach dad sam bith air a thoirt a-steach bhon taobh a-muigh.
"Tha mi 'son beachdan a thoirt a-steach bho thall 's a bhos agus tagradh fìor làidir a thogail, is gum bi coimhearsnachdan moiteil às is gum bi iad a' faireachdainn gu bheil iad mar phàirt dheth."
Thèid geàrr-liosta 'son Cathair-bhaile a' Chultair ainmeachadh as t-fhoghar agus thèid an tagradh a tha air soirbheachadh ainmeachadh ro dheireadh na bliadhna.