Naidheachdan 11:00m
Ceannas nan Làbarach
Tha fear de mhinistearan an riaghaltais, Steve Reed, air moladh dhan Phartaidh Làbarach thighinn còmhla agus an làn aire a chur air a bhith a' lìbhrigeadh nam prìomhachasan poilitigeach aca. Tha Mgr Reed, a tha mar Rùnaire an Taigheadais aig Westminster, ga mheas mar dhuine a tha fìor fhaisg air Sir Keir Starmer. Tha dùil gum bi Andy Burnham, mèar Mhanchester, ag iarraidh cothrom seasamh an aghaidh Sir Keir airson ceannas nan Làbarach - ma gheibh e cothrom air a bhith na bhall-pàrlamaid ann an sgìre Makerfield, san iar-thuath de Shasainn far a bheil am ball-pàrlamaid air innse gum bi e a' seasamh sìos.
Morair Tagraidh na h-Alba
Tha Morair Tagraidh na h-Alba air innse gum bi ise a' fàgail na dreuchd. Tha Dorothy Bain air a bhith anns an dreuchd còig bliadhna - agus tha e air a dhol mar chleachdadh gum bi am Morair Tagraidh a' maireachdainn na h-ùine sin a-mhàin. Tha an neach anns an dreuchd an dà chuid os cionn Oifis a' Chrùin agus Seirbheis Luchd-casaid a' Chrùin, agus is iad cuideachd nan comhairleach laghail as àirde aig Riaghaltas na h-Alba. Tha e coltach gun robh eòlaichean an dùil ris an seo co-dhiù, agus bidh a-nis cò bhios mar Mhorair Tagraidh air a mheas leis a' Phrìomh Mhinistear.
Tuill sna rathaidean
Thathar air tighinn am bàrr gu bheil comhairlean na h-Alba air cosg còrr air £2m thairis air còig bliadhna ann a bhith a' pàigheadh a-mach do dhraibhearan a tha le na càraichean aca air am milleadh le tuill sna rathaidean. Bha Comhairle na Gàidhealtachd air còrr math air £500,000 den airgead sin a chur a-mach san aon ùine. 'S iad a bu mhotha a chosg air an seo a-mach à 26 ùghdarras ionadail ann an Alba a thug fiosrachadh dhan BhBC. Thathar air beachd iarraidh bhon chomhairle air mar a thachair.
British Gas
Tha British Gas air aontachadh £21m de dh'airgead-dìolaidh a phàigheadh do luchd-cleachdaidh a fhuair meadair ùr gun chead ' s e air a sparradh orra leis a' chompanaidh. Thuirt an riaghladair Ofgem gun robh e soilleir nach robh British Gas air gu leòr a dhèanamh sa chùis, agus gum pàigheadh iad airgeadh do na daoine air an tug seo buaidh eadar 2018 agus 2021.
Tubaist dàibhidh
Chaidh còignear às an Eadailt a mharbhadh ann an tubaist dàibhidh anns na Maldives. Dh'innis Ministear Cèin na h-Eadailt gun robhas air a bhith ann an uamhan aig doimhneachd mu 50 meatair fo uachdar na mara.