"Seòrsa de bhuzz timcheall a' bhaile" an cois leasachaidhean an Loch Àlainn

Boireannach le falt fada bàn agus fiamh gàire air a h-aodann
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Lisa Robasdan ag ràdh gu bheil na h-uimhir de leasachaidhean an Loch Àlainn na adhbhar brosnachaidh do mhuinntir an àite

  • Air fhoillseachadh

Tha planaichean leasachaidh ann an Loch Àlainn sa Mhorbhairne na adhbhar brosnachaidh mòr do mhuinntir an àite, a rèir an fheadhainn a tha gan cur air adhart.

Thèid aig Coille Coimhearsnachd na Morbhairne ri croitean-coille a chruthachadh an dèidh dhaibh £459,650 fhaighinn bho Stòras Fearainn na h-Alba airson 94 heactair a cheannach ri taobh a' bhaile.

Tha Companaidh Leasachaidh na Morbhairne mar-tha a' togail 14 taigh do theaghlaichean sa bhaile.

A bharrachd air an sin, tha pàrantan toilichte agus aonad Gàidhlig a-nis sa bhun-sgoil.

Coille sa bheil dà thunail-pholy leis a' mhuir fada às
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh croitean ùra air an stèidheachadh agus bidh làraichean-taigh cuideachd rim faotainn ann an coille na coimhearsnachd

Tha Lisa Robasdan bho bhuidhinn na coille coimhearsnachd ag ràdh gu bheil "seòrsa de bhuzz timcheall a' bhaile an-dràsta leis na rudan a tha a' tachairt".

'S e amas nam pròiseactan dèiligeadh ri crìonadh-sluaigh le taigheadas a gheibhear aig prìs reusanta agus cothroman obrach a chruthachadh.

"Tha e cho cudromach dhuinn gum bi cothroman dhan chloinn a tha a-nis ag ionnsachadh na Gàidhlig a bhith fhathast a' fuireach an seo nuair a bhios iad nas sine," thuirt Lisa.

Cho math ri dachaighean, croitean agus aonadan-gnìomhachais san talamh ùr aca tha iad cuideachd airson coille coimhearsnachd a stèidheachadh nas fhaisge air a' bhaile agus ath-bheòthachadh a thoirt oirre le bhith a' cur chraobhan dùthchasach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo