Luaidh ga dhèanamh air Màiri 'Cheocaidh' Nic a' Ghobhainn

Boireannach le falt liath goirid, agus micreafon ri a taobh
  • Air fhoillseachadh

Tha luaidh ga dhèanamh air an t-seinneadair Ghàidhlig Màiri 'Cheocaidh' Nic a' Ghobhainn à Nis ann an Leòdhas, a chaochail air an deireadh-sheachdain aig aois 84.

Choisinn i cliù airson a cuid seinn agus airson na chruinnich i de dh'òrain agus bha meas mòr aig seinneadairean eile ann an saoghal ceòl na Gàidhlig oirre.

Am measg na tha a' cuimhneachadh oirre tha bana-Leòdhasach eile Christine Primrose agus an dithis glè thric aig na h-aon chuirmean.

"Bha meas mòr oirre fhèin agus air a cuid seinn an Alba agus gu sònraichte ann an Èirinn.

"Bha òrain aice nach cluinneadh tu ach glè ainneamh. Bha na h-òrain aice fhèin aice san dòigh aice fhèin, bha i sònraichte mar sin," thuirt Christine.

Bha an seinneadair agus pìobaire à Uibhist a Deas, Rona Lightfoot còmhla rithe an Èirinn far an robh "laugh garbh aca".

Thuirt i: "Bha e laghach èisteachd rithe. Bidh mi ag ionndrainn sin agus a bhith a' tachairt rithe cuideachd."

"Càirdeil agus blàth"

Rugadh is thogadh Màiri ann an Dail bho Thuath ann an Nis "ann an dachaigh far an robh seinn na rud cho nàdarrach ri tarraing anail" a rèir na làraich-lìn Bliadhna nan Òran aig a' BhBC.

An dèidh dhi Sgoil MhicNeacail fhàgail thug i a-mach ceum ann an Sgoil Ealain na h-Alba.

Chuir i seachad 10 bliadhna a' teagasg ann an Uibhist a Deas far an do chruinnich i tòrr de sheann òrain.

Chuir i ri chèile leabhar ann an 2009, Sheòl Mi 'n Uiridh, cruinneachadh de dh'òrain a rinn seòladairean.

Rinn i LP nuair a bha i air làithean-saora ann an New Zealand agus tha e coltach gun do chlàr i 30 òran dhaibh taobh a-staigh dà uair de thìde.

Bhiodh an seinneadair Art MacCarmaig ga rèic sa bhùth aige am Port Rìgh far an robh fèill mhòr air.

Thuirt e: "Bha dòigh seinn aice a bha car sònraichte.

"Bha eachdraidh nan òran aice. Bha i a' tighinn bhon dualchas agus bha i a' glèidheadh na dual-chainnt aice fhèin sna h-òrain aice cuideachd."

Tha Art ag ràdh gun tug i buaidh air tòrr de sheinneadairean eile.

"A' smaoineachadh air daoine mar Julie Fowlis, Anna Mhoireach, Kathleen NicAonghais agus Cathy Ann Nic a' Phì - chanadh iad uile cho taiceil agus a bha Màiri dhaibh," thuirt e.

Dh'fhàg Màiri Nic a' Ghobhainn dìleab mar thè de shàr-sheinneadairean na Gàidhlig ach cuideachd mar bhoireannach a bha "càirdeil agus bha i blàth" a rèir Christine Primrose.

"Boireannach nach tèid às do chuimhne, cha tèid i às mo chuimhne-sa idir," thuirt i.