Structar na h-iomain ga dheasbad le rabhadh gu bheil an spòrs ann an cunnart

A' Mhanachainn is Lòbhat a' cluich aig Pàirc Sealladh a' Bhràigh ann an Cupa MhicShìmidh ann an 2019Tùs an deilbh, Craig Wallace/Geograph
Fo-thiotal an deilbh,

Sgaoil A' Mhanachainn litir oidhche Chiadain is iad a' togail cheistean mòra mu structaran is suidheachadh na h-iomain

  • Air fhoillseachadh

Dhearbh Comann na Camanachd gu bheil iad a' coimhead às ùr air structar nam farpaisean is gu bheil iad an dùil molaidhean a chur air beulaibh chlubaichean tràth an ath-mhìos.

Thàinig freagairt bhon bhuidhinn madainn Diardaoin às dèidh dhan Mhanachainn litir a sgaoileadh is iad fhèin a' togail dhraghan mòra mun structar a th' ann.

San litir a chuir iad gu Comann na Camanachd, thuirt A' Mhanachainn gu bheil cruaidh-fheum air sùil a thoirt air na lìogaichean agus siostam ùr a chur an sàs 'son seusan 2027.

Thuirt an cluba gu bheil cunnart ann aig an ìre seo gun cuir cuid cùl ris an iomain.

Iomain nàiseanta

'S iad a' Phrìomh Lìog is an Lìog Nàiseanta an dà lìog a th' ann le clubaichean bho thuath is deas, is na lìogaichean eile uile fon Lìog Nàiseanta a' ruith aig ìre sgìreil.

Tha A' Mhanachainn am-bliadhna am measg trì sgiobaidhean à tuath a tha san Lìog Nàiseanta, còmhla ri ceithir sgiobaidhean à deas.

Tha Gleann Urchadain is Lòbhat a' dol suas dhan Phrìomh Lìog an ath-bhliadhna ge-tà, is tha coltas ann aig an ìre seo gur dòcha gur e dà sgioba bho dheas a thig an taobh eile bhon Phrìomh Lìog dhan Lìog Nàiseanta.

Dh'fhaodadh mar sin gur e A' Mhanachainn is Cill Mhàilidh a-mhàin bho thuath a bhios san Lìog Nàiseanta ann an 2027, is an còrr de na sgiobaidhean à Earra-Ghàidheal is Glaschu.

"Deatamach"

San litir aca, tha A' Mhanachainn ag ràdh gu bheil ceistean mòra an seo dhaibh fhèin is dhan iomain san fharsaingeachd.

Thuirt iad gur e cus a th' ann a bhith a' sùileachadh gum bi cluicheadairean amaitearach a' siubhal air feadh na dùthcha gach dàrna Disathairne.

Thog iad cuideachd air na cosgaisean mòra a tha an lùib seo do chlubaichean.

Tha A' Mhanachainn ag ràdh gu bheil an suidheachadh a' toirt buaidh mhòir air clubaichean is gu bheil cunnart ann gun coisich cluicheadairean air falbh is gun sguir daoine eile a bhith a' cumail taic ris an spòrs.

Thuirt iad gu bheil e "deatamach gum bi fuasgladh seasmhach ann an àite 'son 2027".

"Seasmhach is practaigeach"

Ann am brath Diardaoin, thuirt Comann na Camanachd gu bheil iad mothachail air na draghan a thog A' Mhanachainn agus clubaichean uile mu structaran is dùbhlain eile san spòrs.

Dh'innis iad gun deach Caoimhin Thain is Anndra Watt fhastadh roimhe gu sònraichte airson coimhead air structar nan lìogaichean is diofar roghainnean 'son fuasgladh a thoirt air adhart.

"'S e am prìomh amas a th' againn structar fhaighinn a tha seasmhach, practaigeach, is a dh'obraicheas dhan spòrs gu lèir," thuirt iad.

"Tha sinn airson na molaidhean seo a chur air beulaibh nan clubaichean uile tràth san Dàmhair".

Thuirt e gum biodh cothrom an uairsin aig clubaichean beachdachadh air a' ghnothach mus biodh AGM na Camanachd ann.

Dh'fhaodadh mar sin structar ùr a bhith ann an àite airson 2027.

Tuath is Deas

Chaidh Prìomh Lìog Nàiseanta na h-iomain a stèidheachadh bho thùs ann an 1995/96.

Ron sin bha lìogaichean iomain an-còmhnaidh air an sgaradh eadar tuath is deas.

Chaidh dàrna lìog nàiseanta fon Phrìomh Lìog - An Lìog Nàiseanta - a stèidheachadh ann an 1999 ach chaidh tilleadh gu lìogaichean sgìreil ann an 2006.

Thill an Lìog Nàiseanta mar a tha e a-nise ann an 2014.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte