£1m 'son Coimhearsnachd Coille na Morbhairne

  • Air fhoillseachadh
Caisteal nan ConTùs an deilbh, Coimhearsnachd Coille a' Mhoirbhairne

Fhuair Coimhearsnachd Coille na Morbhairne £1m bho Stòras Fearann na h-Alba 's iad an dùil Oighreachd Chill Fhionntainn a cheannach.

Thuirt a' bhuidheann gu robh iad an dòchas taighean a thogail, croitean a' stèidheachadh agus obraichean a chruthachadh ann an sgìre a tha fìor iomallach.

Tha 6,000 acair ann an Oighreachd Chill Fhionntain 's chan eil duine a' fuireach ann an-dràsta.

Ach tha Coimhearsnachd Coille na Morbhairne am beachd sin atharrachadh.

SSI

Tha iad airson daoine a tharraing dhan an sgìre le bhith a' leasachadh cuid de na togalaichean a tha air an oighreachd mar thà, a bharrachd air feadhainn ùr a thogail.

Tha tòrr bheanntan air an oighreachd agus tha iad làn fhiadh, le craobhan durcain is calltainn.

Tha a' choille air a chòmharrachadh mar sgìre ghlèidhte SSI agus tha a' bhuidheann airson cur ris an àireamh de dh'ailm a th' ann.

Tha i am measg nan sgìrean far a bheil an àireamh as motha de dh'ailm ann an Alba.

Veronique WalravenTùs an deilbh, Coimhearsnachd Coille na Mhorbhairne
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt cathraiche na buidhne, Veronique Walraven gu bheil iad an dùil cuid de na seann togalaichean air an oighreachd a' leasachadh.

Gheall iad cuideachd gum bi dualchas nan Gàidheal an luib a' phroiseact.

Feumaidh iad £1.7m a thogail iad fhèin ron an Dàmhair am bliadhna 'son a chur ris a £1m a thug Stòras Fearann na h-Alba dhaibh.

Ach tha iad misneachail gum faigh iad sin le mòran dhaoine òga air a' bhòrd a tha adhartach is làn bheachdan, thuirt iad.