An sgeama haidro coimhearsnachd as motha am Breatainn

  • Air fhoillseachadh
Sgeama cumhachd haidroTùs an deilbh, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean
Fo-thiotal an deilbh,

'S e an sgeama haidro am fear as motha ann an sealbh coimhearsnachd san Rìoghachd Aonaichte

Cumaidh Companaidh Leasachaidh Coimhearsnachd na Morbhairne (MCDC) cuirm Dihaoine airson an sgeama cumhachd haidro aca fhosgladh gu h-oifigeil.

'S e sgeama Ahbainn Bhàrr am fear as motha a tha le coimhearnsachd am Breatainn.

Chaidh an obair togail a chrìochnachadh san Iuchair 2021 air an làraich ann an coille mu 11 mìltean air falbh bho bhaile Loch Àlainn.

Bidhear cuideachd a' fosgladh dà ghoireas coimhearsnachd eile - ionad coimhearsnachd agus taigheadas ùr - a rinn a' chompanaidh ionadail le taic oifigear leasachaidh na sgìre, Lilia Dobrokhodova.

Taigheadas ùr

'S iad Ceit Fhoirbeis, BPA an Eilein Sgitheanaich, Loch Abar agus Bhàideanaich, agus sgoilear às an àite, Isla MacKechnie, a fhuair cuireadh an làrach fhosgladh gu foirmeil.

Tha dùil gun cruthaich an sgeama 1.6Mw faisg air 4.3m kWh a h-uile bliadhna, gu leòr airson dealan a chumail ri 1,000 dachaigh.

Chosg am pròiseact £6.5m le £2.3m den t-suim sin a' tighinn bho Stòras In-Ionmhas na Cumhachd aig Buidheann Leasachaidh na h-Alba.

Na bu tràithe am bliadhna chuireadh crìoch air an obair air ionad coimhearsnachd, sa bheil àite-obrach agus cafaidh, agus air trì taighean sa bheil aon seòmar-caidil, agus sa bheil daoine a-nis a' fuireach.

Cothroman don choimhearsnachd

Thuirt cathraiche MCDC, Jane Stiùbhart-Nic a' Ghobhainn: "Bidh an teachd a-steach bhon sgeama cudromach a thaobh a bhith a' cur air adhart rudan eile sa choimhearsnachd.

"Tha e cuideachd a' fàgail gu bheil inbhe mòran nas cudromaiche aig coimhearsnachd na Morbhairne a thaobh na thathas a' cruthachadh de chumhachd anns an sgìre.

"Cha bhiodh e air a bhith comasach dhuinn seo a dhèanamh gun na mìltean de dh'uairean de thìde a rinn muinntir an àite gu saor-thoileach agus bu mhath leinn taing mhòr a thoirt dhaibh."