E-Sgoil @ 10 bliadhna "a' cumail foghlaim ris a' chloinn"

Suaicheantas e-Sgoil. Tùs an deilbh, E-SGOIL
Fo-thiotal an deilbh,

Thòisich dà thidsear aig e-Sgoil bho chionn 10 bliadhna agus an-diugh tha còrr is 200 luchd-teagaisg ann

  • Air fhoillseachadh

Tha cuirm gu bhith ann Dihaoine a' comharrrachadh 10 bliadhna de ghoireas foghlaim air-loidhne a tha a' toirt seachad oideachadh beò agus taic do sgoilearan air feadh Alba.

Thòisich an e-Sgoil sna h-Eileanan Siar ann an 2016 mar dhòigh dèiligeadh ri gainnead thidsearan agus cothrom a thoirt do chloinn air cuspairean nach fhaigheadh iad sa sgoil aca fhèin.

Thuirt Ceannard e-Sgoil, Steven Greumach: "Le lèirsinn nan oifigearan a bh' ann aig an àm agus taic bhon Chomhairle agus maoineachadh bhon riaghaltas, chaidh goireas nàiseanta a dhèanamh dheth gu math luath."

An-diugh tha sgoilearan air feadh na h-Alba a' faighinn buannachd às an e-sgoil, agus tha an goireas fhèin air cliù a chosnadh.

Bidh cothrom ann aig an tachartas Dihaoine coimhead air adhart air mar a shoirbhich le e-Sgoil, ach cuideachd airson beachdachadh air an t-slighe air adhart.

Thòisich e-Sgoil nuair a bha dùbhlan mòr tidsear matamataig airson Àrd-sgoil Bhàgh a' Chaisteil fhastadh.

Airson beagan mhìosan dh'fheuch iad ri teagasg a dhèanamh tro Skype agus shoirbhich leis an sin.

Thòisich oifigearan foghlaim an uairsin a smaoineachadh air mar a ghabhadh barrachd feum a dhèanamh de na goireasan didseatach ùr-nòsach a bh' ann agus chaidh seirbheis ùr a chur air bhonn.

An-diugh tha còrr is 200 tidsear thairis air iomadach cuspair; tha a' chuid as motha dhiubh an Alba ach tha feadhainn a' dèanamh an cuid obrach bho thall thairis.

"Tha e a' cumail foghlaim ris a' chloinn"

Thuirt Steven Greumach: "Ma 's e agus gu bheil sgoil a' tighinn thugainn agus ag ràdh gu bheil iad ag iarraidh tidseir ann an cuspair sam bith, sa chuid as motha de na suidheachaidhean thèid againn air cuideigin a lorg.

"Tha cothrom againn air tidsear sònraichte a chur air beulaibh clas nuair nach eil cuideigin ann sa choimhearsnachd fhèin a nì sin sa sgoil.

"Tha e a' cumail foghlaim ris a' chloinn."

Bidh tachartas sònraichte air a chumail an Talla-baile Steòrnabhaigh Dihaoine a' toirt còmhla cuid de na tha air a bhith an lùib e-Sgoil.

Thuirt Mgr Greumach: "Chan e a-mhàin a' coimhead air ais ach bidh cothrom ann do dhaoine beachdachadh air dè na cothroman a dh'fhaodadh a bhith air thoiseach oirnn, agus dè bu chòir dhuinn a bhith a' feuchainn gus am faigh sgoilearan an Alba thairis air cuid de na cnapan-starra a tha a' tighinn nan rathad."

Gheibhear fiosrachadh mu na cùrsaichean a tha an e-sgoil a' tabhann an seo., taobh a-muigh