Cuid fhathast teagmhach mu mheud sgeama taigheadais air An Tairbeart

Plana-dealbhachaidh an sgeama taigheadais air an Tairbeart sam bi 46 taighean air a' cheann thallTùs an deilbh, BUIDHEANN TAIGHEADAIS INNSE GALL
LeAilean MacLeòid
Fear-naidheachd DidseatachAg aithris àsNa Hearadh
  • Air fhoillseachadh

Chuala coinneamh phoblach air An Tairbeart oidhche Chiadain gu bheil beachdan làidir sa choimhearsnachd fhathast mu phlana 'son suas ri 46 dachaigh a thogail sa bhaile.

Chaidh cead-dealbhachaidh a thoirt do na planaichean aig Buidheann Taigheadais Innse Gall (HHP) sa Ghearran am-bliadhna.

Thuirt HHP gun do chùm iad trì co-chomhairleachaidhean poblach thairis air 30 mìos agus gun do sheall gach fear "gun robh taic glè làidir airson an leasachaidh sa choimhearsnachd".

Ge-tà, aig a' choinneimh Diciadain, aig an robh faisg air 30 duine, nochd draghan mu na bhios ann de thaighean, nach bi rùm gu leòr san sgoil do chloinn a thig a dh'fhuireach annta agus cuideachd a' bhuaidh air trafaig.

Dh'iarr iad gum bi conaltradh a bharrachd le HHP feuch aonta a ruighinn a bhios a' freagairt nas fheàrr air a h-uile duine.

Ann am brath-naidheachd Diardaoin, thuirt HHP gum biodh iad "ag obair gu dlùth leis an luchd-togail airson dèanamh cinnteach gu bheil siostam ann a chumas smachd air inbhe na h-obrach".

Gheall neach-labhairt na buidhne: "Bidh ro-innleachd conaltraidh againn a bheir seachad fiosrachadh do na buidhnean uile agus a leigeas leis a' choimhearsnachd fios a chur thugainn."

Nuair a chaidh cead a thoirt le Comhairle nan Eilean Siar, thuirt oifigearan-dealbhachaidh gun robh buannachdan a' phròiseict cho mòr agus gun gabhadh iad ris a' bhuaidh air an sgìre mu thimcheall sa gheàrr-ùine.

Tharraing Harris Distillers Earranta an t-ath-sgrùdadh laghail a dh'iarr iad, ged a tha fhathast dragh orra gun tèid an t-uisge a chleachdas iad a thruailleadh.

Ghabh na nochd aig a' choinneimh ris gu bheil taighean a dhìth sa bhaile ach nochd sgaradh bheachdan nam measg mu cia mheud a bu chòir a bhith air an làraich.

Togaidh HHP 24 taigh sa chiad earrann den leasachadh, agus thèid 22 dachaigh eile a thogail às dèidh sin air chosgais còrr air £20m.