E-sgoil air leudachadh gu mòr

  • Air fhoillseachadh
sgoilear

Tha E-sgoil, an goireas teagaisg air-loidhne a tha stèidhichte ann an Steòrnabhagh, air a dhol bho 700 sgoilear gu còrr is 3,000 anns na deich seachdainean bho thòisich an Lockdown.

Tha iarrtas mòr ann bho phàrantan a tha ag iarraidh leasanan dhan cuid cloinne a bharrachd air na leasanan a tha sgoiltean a’ cur dhachaigh dhaibh.

"Tha e air a bhith duilich dhuinn gu ìre, ach far a bheil duilgheadasan bidh cothrom cuideachd," thuirt Ceannard E-sgoil, Aonghas Mac'Ilinnein.

"Tha an teicneòlas air a bhith ag obair an ìre mhath anns a' bhitheantas.

Feadh Alba

"Tha trioblaidean air a bhith againn dìreach air sgàth àireamh an t-sluaigh a tha ag iarraidh tighinn a-steach, can aig an aon àm.

"'S tha sinn air a bhith ag obair gu math dlùth còmhla ris na companaidhean.

"Nuair a mhothaicheas sinn dha duilgheadas tha iad air a bhith gu math deònach agus dealasach gar cuideachadh.

"Tha na sgoilearan aig a h-uile ìre de dh'fhoghlam, eadar bun-sgoil is àrd-sgoil. Tha inbhich a' tighinn a-steach air cùrsaichean cuideachd.

"Tha feadhainn aca ag iarraidh a bhith ag ionnsachadh mu dhèidhinn Bhlàthachadh na Cruinne, 's chùisean àrainneachd.

"Feadhainn nuadh-chànanan - tha an t-uabhas air a bhith ag iarraidh teagaisg ann an nuadh-chànanan. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sinn a' dèanamh seachd, mura h-eil ochd cànanan.

"Tha sinn a' tòiseachadh air Arabais an t-seachdain seo airson a' chiad turas, agus tha iarrtas air tighinn a-steach airson sin.

"Tha iad air feadh Alba gu lèir - tha mi a' smaoineachadh gu bheil 32 de dh'ùghdarrasan ionadail ann an Alba 's tha clann againn an sàs anns na cùrsaichean às 32 de an h-ùghdarrasan.

"Feumar cuimhneachadh gur ann anns a' chiad dol a-mach airson beàrnan nach gabhadh lìonadh ann an teagasg ann an seo anns na h-Eileanan an Iar a chaidh E-sgoil a stèidheachadh.

"An uair sin air feadh Chaidreachas a' Chinn a Tuath, agus a-niste air feadh Alba a chaidh E-sgoil a stèidheachadh.

"Agus chan ann a' feuchainn ri càil as urrainn sgoiltean iad fhèin a dhèanamh a tha sinne - 's ann a tha sinn a' cur ris an rud as urrainn dhaibhsan a dhèanamh.

"Tha iad a' dèanamh obair ionmholta, ach le gainnead luchd-teagaisg chan eil e furasta dhaibh 's dòcha farsainneachd chuspairean a thoirt seachad chun na h-aon ìre anns a h-uile sgoil.

"Sin an dleastanas a th' oirnne, a' feuchainn ri dhèanamh glè chinnteach gu bheil co-ionnanachd a thaobh chothroman aig a' chloinn, ge b' i càite a bheil iad ann an Alba.

A' Ghàidhlig

"Tha sin air a bhith na dhùbhlan, ach tha e cuideachd air a bhith na thoileachas mòr dhuinn far a bheil clann a' faighinn cothrom cuspairean a tha iad ag iarraidh a dhèanamh, 's dòcha airson a' chiad uair - 's gu h-àraid a thaobh na Gàidhlig air feadh Alba tha àireamhan gu math falainn againn ag iarraidh cùrsaichean a dhèanamh," thuirt e.

'S iongantach le Mgr Mac'Ilinnein ma chrìonas an t-adhartas a rinn E-sgoil an dèidh dhan Lockdown tighinn gu crìch, agus a' chùis air gnothaichean foghlaim, agus iomadach rud eile, atharrachadh.

"Tha mi a' smaoineachadh nach tèid sinn air ais gu mar a bha sinn airson iomadach mìos, 's dòcha iomadach bliadhna - ma thèid gu bràth," thuirt e.

"Tha fìor theagamh agam gun tèid, o chionn, tha clann, inbhich 's luchd-teagaisg a-nis a' gabhail ris gun gabh a leithid dèanamh.

"'S dòcha gu bheil e buannachdail do chloinn a bhith a' dèanamh seo, air sgàth gur ann mar seo a tha foghlam - gu h-àraid anns na colaistean is na h-oilthighean - air a lìbhrigeadh gu ìre, ged nach eil uimhir de theagasg bheò ga dhèanamh anns na suidheachaidhean sin.

"Tha e mar gum biodh e na dhrochaid eadar na sgoiltean agus colaistean agus oilthighean - agus gu h-àraid saoghal na h-obrach o chionn tha leithid againn a-niste a' faicinn gun urrainn dhuinn a bhith ag obair bhon taigh," thuirt e.