Fàs aig Mòd New York

Joy Dunlop ann an New York
  • Air fhoillseachadh

Thèid cànan nan Gàidheal a chluinntinn san Ubhal Mhòr an-diugh is Mòd New York ann.

'S e seo an ceathramh turas a tha Mòd New York ann is e a' dol air adhart mar phàirt de "Sheachdain a' Bhreacain" - no Seachdain an Tartain - sa bhaile.

Tha Mòd New York air fàs bho thòisich e ann an 2023 is farpaisean bàrdachd is seinn chàraid air tòiseachadh an-uiridh, a thuilleadh air an fharpais aon-neach a bh' ann bho thùs.

Bidh cuideachd bùithdean-obrach Gàidhlig is seinn ann aig toiseach an là is cèilidh gus gnothaichean a thoirt gu ceann.

'S i Joy Dunlop a bhios a' cur a' Mhòid air dòigh ann an co-bhann leis a' chomataidh ionadail.

A' bruidhinn ri BBC Naidheachdan à New York, thuirt Joy gu bheil gnothaichean a' dol gu math is na h-àireamhan air èirigh am-bliadhna.

Tha i ag ràdh gu bheil àite cudromach a-nise aig Mòd New York mar phàirt de Sheachdain a' Bhreacain.

"'Tha e follaiseach gu bheil ùidh mhòr aig daoine sa Ghàidhlig agus sa chultar againn agus gu bheil iad a' faireachdainn gu bheil iad an uairsin mar phàirt de choimhearsnachd," thuirt Joy.

"Tha e gu math doirbh nuair a tha thu a' feuchainn ri cànan a thogail nach eil ga bruidhinn faisg ort gu làitheil.

"Mar sin tha mi a' faicinn gu bheil iad a' faighinn tlachd uabhasach às a' chothrom seo a bhith a' faireachdainn gu bheil iad dha-rìribh nam pàirt den choimhearsnachd againn, agus gu bheil sinne a' cur spèis anntasan cuideachd."

Bidh Mòd New York ann an Eaglais Chlèireach Madison Avenue ann am Manhattan.