Naidheachdan 10:00m
Iran
Thuirt an Ceann-Suidhe Trump gu bheil e gu math mì-thoilichte le mar a tha Iran a' làimhseachadh fosgladh Caolas Hormuz. Cha do sheòl ach dòrlach shoithichean tron chaolas bho thòisich an fhois-fhòirneirt. Seo air thoiseach air còmhraidhean sìthe ris a bheil dùil air an deireadh-sheachdain. Na bu thràithe, thuirt àrd-cheannard ùr Iran, Mojtaba Khamenei, gu bheil manaidsearachd a' chaolais a-niste ann an "linn ùr".
An EU
Tha siostam ùr chrìochan didseatach an Aonaidh Eòrpaich ga chur gu dol an-diugh. Feumaidh daoine nach eil a' fuireach ann an dùthchannan a tha nam pàirt de dh'aonta Schengen a-niste lorgan-meòir agus dealbh a chlàradh airson faighinn a-steach. Tha puirt-adhair a' toirt rabhaidh gum faodadh gum fàg seo gum bi maill mhòr uabhasach air luchd-siubhail as t-samhradh seo.
Keir Starmer
Thuirt am Prìomhaire, Sir Keir Starmer, gum feum an Rìoghachd Aonaichte atharrachadh gus am bi i nas comasaiche air dèiligeadh ri caran an t-saoghail, agus suidheachaidhean leithid cogadh Iran a' fàs nas cumanta. A' sgrìobhadh anns a' Ghuardian thuirt e gu bheil inntinn air "an ùine fhada, agus air a bhith ag ath-chruthachadh na dùthcha seo" gus nach bi uiread de bhuaidh aig na thachras thall-thairis air daoine. Thuirt e cuideachd gu bheil e air a shàrachadh le mar a tha cosgaisean dhaoine ag èirigh 's a' tuiteam ri linn na nì leithid Putin is Trump. Tha am Prìomhaire an-dràsta air thuras trì là dhan Ghulf a choinneachadh ri riaghaltasan càirdeil anns an sgìre.
An Taghadh
Agus bidh a' chiad chothrom aig màladairean an taigh sa bheil iad a' fuireach a cheannach ma tha an t-uachdaran airson a reic fo phlana a dh'fhoillsich an SNP. A' bruidhinn ann an Inbhir Nis 's e ag iomairt air thoiseach air taghadh Holyrood, thuirt Iain Swinney gun cuireadh sin stad air daoine a bhith a' call an dachaigh an aghaidh an toil. Mhol na Tòraidhean ge-tà gun deadh cur às do chìsean airson taighean a cheannach. Thuirt na Làbaraich gu bheil an SNP air fàiligeadh gu h-uabhasach gus piseach thoirt air staing taigheadais na h-Alba - beachd ris a bheil na Lib Deamaich ag aontachadh. Tha Reform UK air moladh taigheadas sòisealta a thoirt do mhuinntir an àite air thoiseach air daoine bho sgìrean neo dhùthchannan eile. A rèir Partaidh Uaine na h-Alba, bu chòir ceumannan nas treasa buileach a ghabhail na tha an SNP a' moladh, - leithid cìsean a bharrachd air taighean mòra luachmhor.