Oileanaich a' faighinn cothrom Gàidhlig a bhruidhinn "mar chànan sòisealta"

Cuid de bhuill Chomann Nàiseanta nan Oileanach air thuras a Leòdhas Tùs an deilbh, COMANN NÀISEANTA NAN OILEANACH
Fo-thiotal an deilbh,

Tha na h-oileanaich airson agus gum bi e nàdarrach dhaibh Gàidhlig a bhruidhinn ri chèile

LeMarie DukeNeach-naidheachd DidseatachAg aithris àLeòdhasagusEilidh NicLeòidBBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

Tha còrr is 40 oileanach leis a' Ghàidhlig bho dhiofar oilthighean an Alba air tighinn cruinn ann an Leòdhas mar phàirt de thuras a tha ag amas air labhairt a' chànain nam measg àbhaisteachadh.

Tha iad nam buill de Chomann Nàiseanta nan Oileanach, a chaidh a stèidheachadh ann an 2023.

Cha b' urrainn don bhuidhinn tachartas a chumail neo turas a dhèanamh an-uiridh ri linn dìth maoineachadh.

Le bhith ag ath-stèidheachadh a' chomainn, tha na h-oileanaich an dòchas gum brosnaich e an ginealach aca barrachd Gàidhlig a bhruidhinn, agus gun neartaich e na ceanglaichean eadar colaistean agus oilthighean nuair a thig e gu gnothaichean na Gàidhlig.

Sadie Drye agus Flòraidh Stevenson bho Chomann Nàiseanta nan Oileanach
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Sadie Drye agus Flòraidh Stevenson ag ràdh gu bheil an turas a' toirt cothrom dhaibh a' Ghàidhlig a chleachdadh a-mach às an t-seomar-teagaisg

Cleas mòran de na h-oileanaich, fhuair ceannard a' chomainn Sadie Dryer oideachadh sa chànan agus i a' leantainn oirre leis aig Oilthigh Ghlaschu.

"Tha sinn ga cleachdadh ann an suidheachadh acadeimigeach gu tric no ann an obair, ach tha seo a' ciallachadh gu bheil cothrom againn dìreach ga bruidhinn mar chànan sòisealta.

"Chan eil teaghlach Gàidhlig agamsa 's chan eil mi a' bruidhinn na Gàidhlig aig an taigh 's tha e a' ciallachadh gu bheil cothrom agam dìreach ga bruidhinn mar chànan an àite a bhith ga sgrùdadh aig an oilthigh neo aig an sgoil," thuirt i.

"Bidh e a' cumail a' chànain a' dol"

Tha a caraid, Flòraidh Stevenson, ag ràdh gu bheil e air a bhith math "daoine leis a' Ghàidhlig a choinneachadh agus ceanglaichean a dhèanamh leis a' choimhearsnachd an seo".

Thuirt i: "Tha e uabhasach cudromach oir, nam bheachd-sa, bidh e a' cumail a' chànain a' dol.

"Nuair a tha cothrom agad a cleachdadh ann an suidheachadh neo-fhoirmeil, nuair nach eil thu anns a' chlas agus dìreach le caraidean agus a' dèanamh stuth spòrsail."

Oileanaich a' taisbeanadh an cuid sgilean ciùil air turas Chomann Nàiseanta nan Oileanch a Leòdhas
Fo-thiotal an deilbh,

Bha cothrom aig na h-oileanaich an cuid sgilean ciùil a thaisbeanadh mar phàirt den turas aca

Ràinig na h-oileanaich Leòdhas Diciadain agus bidh iad ann gu Là na Sàbaid.

Am measg na th' air a' chlàr-ama aca, tha turas dualchais gu iar-thuath Leòdhais, cèilidh aig Ionad Coimhearsnachd Chlann MhicGuaire am Borgh agus consairt san Lanntair.

Bidh cuideachd cothrom fastaidh aca aig Colaiste a' Chaisteil an Steòrnabhagh far an coinnich iad ri riochdairean gnìomhachais agus buidhnean bhon sgìre air fad.

Thèid coinneamh a chumail mus bi an turas seachad far an tèid comataidh a thaghadh airson dèanamh cinnteach gun lean obair a' chomainn.