Sealg a' Ghuga: Pròiseas air aontachadh 'son co-dhùnadh a ruighinn mu chead

Neach-iomairt a' togail fianais an aghaidh Sealg a' Ghuga
- Air fhoillseachadh
Chaidh am pròiseas a thèid a leantainn gus co-dhùnadh a ruighinn a thaobh am bu chòir cead a thoirt seachad airson Sealg a' Ghuga am-bliadhna aontachadh aig coinneamh de bhòrd-stiùiridh NàdarAlba.
Thàinig sin agus fianais ga togail taobh a-muigh oifis na buidhne le luchd-iomairt nach eil airson 's gun tèid an cleachdadh seo air adhart tuilleadh.
Fon phròiseas a chaidh aontachadh, rannsaichidh oifigearan a' bhuaidh a bheireadh an t-sealg air fallaineachd colonaidh nan sùlairean air eilean Sùlaisgeir, nan tachradh i.
Thèid measaidhean a dhèanamh ann an co-theacsa flù nan eun, a th' air cron a dhèanamh sna bliadhnaichean mu dheireadh.
Nì oifigearan cuideachd co-dhùnadh a thaobh cruth na seilge, ma thèid a ceadachadh.
CnES a' cur taic ri Sealg a' Ghuga
- Air fhoillseachadh17 An t-Ògmhios
Cead às ùr 'son sealg a' ghuga
- Air fhoillseachadh16 An t-Iuchar 2025
Luchd-togail fianais an aghaidh sealg a' ghuga air mullach thogalach NàdarAlba
- Air fhoillseachadh20 Am Màrt
Chaidh sgioba à Nis gu Sùlaisgeir an-uiridh 'son a' chiad uair bho 2021 is cead aca suas ri 500 eun a mharbhadh.
Sin eu-coltach ris an 2000 a chleachd na Nisich a bhith a' faighinn.
Cha robh iad air cead iarraidh bho NàdarAlba ann an 2022, 2023 is 2024 air sgàth flu nan eun.
Ach às dèidh dhaibh a dhol ann a-rithist thòisich iomairt às ùr an aghaidh na seilge.
Chuir còrr is 100,00 duine ainm ri athchuinge a chaidh air beulaibh Comataidh nan Athchuingean ann am Pàrlamaid na h-Alba.
Chaidh an athchuinge sin a chumail fosgailte is thèid a dheasbad a-rithist sa phàrlamaid ùir.
Lean an t-strì air taobh a-muigh oifis NàdarAlba Diardaoin agus buidheann bheag air cruinneachadh le soidhnichean a' cur an aghaidh na seilge.

Na sealgairean ann an Sùlasgeir

Luchd-iomairt a' togail fianais taobh a-muigh oifis NàdarAlba
Air a' mhìos a chaidh, sgrìobh Comhairle nan Eilean Siar gu NàdarAlba agus iad ag ràdh gum bu chòir dhan t-sealg leantainn.
Thug iad taing dhan bhuidhinn airson mar a tha iad air am pròiseas ceadachaidh a làimhseachadh "ann an suidheachadh dùbhlanach", agus mar a tha iad air co-dhùnaidhean a ghabhail stèidhichte air fianais shaidheansail.
Cuideachd air a' mhìos a chaidh, chuir an dà chuid BP agus BPA nan Eilean Siar taic làidir ris an t-sealg.
Tha dùil ri co-dhùnadh foirmeil bho bhòrd-stiùiridh NàdarAlba tràth dhan ath-mhìos.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh11 An t-Ògmhios

- Air fhoillseachadh11 Am Màrt
