CnES a' cur taic ri Sealg a' Ghuga

- Air fhoillseachadh
Sgrìobh Comhairle nan Eilean Siar gu NàdarAlba is iad ag ràdh gum bu chòir do Shealg a' Ghuga leantainn.
Thug an t-ùghdarras ionadail taing dhan bhuidhinn airson mar a tha iad air am pròiseas ceadachaidh a làimhseachadh "ann an suidheachadh dùbhlanach", agus mar a tha iad air co-dhùnaidhean a ghabhail stèidhichte air fianais shaidheansail.
Chaidh sgioba à Nis gu Sùlaisgeir an-uiridh 'son a' chiad uair bho 2021 is cead aca suas ri 500 eun a mharbhadh.
Cha robh iad air cead iarraidh bho NàdarAlba ann an 2022, 2023 is 2024 air sgàth flu nan eun.
Ach às dèidh dhaibh a dhol ann a-rithist thòisich iomairt às ùr an aghaidh na seilge.
Chuir còrr is 100,00 duine ainm ri athchuinge a chaidh air beulaibh Comataidh nan Athchuingean ann am Pàrlamaid na h-Alba.
Chaidh an athchuinge sin a chumail fosgailte is thèid a dheasbad a-rithist sa phàrlamaid ùir.
Cead às ùr 'son sealg a' ghuga
- Air fhoillseachadh16 An t-Iuchar 2025
Luchd-togail fianais an aghaidh sealg a' ghuga air mullach thogalach NàdarAlba
- Air fhoillseachadh20 Am Màrt
Ach a thuilleadh air sin chaidh luchd-iomairt an sàs le graffiti air oifisean NàdarAlba, mus deach dithis gu mullach an togalaich sin gus fianais a thogail.
Sheas cuideachd tagraiche an aghaidh na seilge ann an roinn Meadhan Dhùn Èideann ann an taghadh na h-Alba.
San litir aca, tha Comhairle nan Eilean Siar a-nise ag ràdh gun do rinn na ceumannan a thugadh ann an 2025 cinnteach gun robh an t-sealg seasmhach, is gun tàinig biadh às agus aig an aon àm gun deach dìon a chur air àireamh nan sùlairean ann an Sùlaisgeir.
Thuirt a' chomhairle gu bheil traidisean cudromach ach gum bu chòir do Shealg a' Ghuga a bhith air a riaghladh cuideachd, is thug iad taing dha Sgioba Shùlaisgeir airson co-obrachadh.
Taic làidir bho BhP nan Eilean 'son sealg a' ghuga
- Air fhoillseachadhBho chionn 6 làithean
Athchuinge nan gugannan ga cumail fosgailte
- Air fhoillseachadh11 Am Màrt
"Tha Comhairle nan Eilean Siar a' cur taic ri cead 'son Sealg a' Ghuga a bhith a' leantainn," thuirt iad.
"'S e rud seasmhach a th' ann a tha air a riaghladh is tha e cudromach a thaobh dualchas Nis agus dualchas nan Eilean Siar san fharsaingeachd.
"Mar a tha croitearachd is iasgach, 's e cleachdadh traidiseanta a tha san t-sealg a tha a' cumail biadh às an àite ris a' choimhearsnachd ionadail."
Chuir ceannard CnES, Pòl Steele, ainm ris an litir, cho math ris an fhear-ghairm Coinneach MacLeòid, an leas-cheannard Donnchadh MacAonghais, is an àrd-stiùiriche Màrtainn Joyce.
Tha e tighinn seachdain às dèidh dhan dà chuid BP agus BPA nan Eilean Siar taic a chur ris an t-sealg, cho math ri litir de thaic cuideachd bho Urras Oighreachd Ghabhsainn.