Làrach MoLuaig leis na Liosaich

Màiri NicDhùghaill
Fo-thiotal an deilbh,

'S i Màiri NicDhùghaill cathraiche na buidhne a th' air an eaglais a cheannach

LeAndreas Wolff
BBC NaidheachdanAg aithris àLios Mòr
  • Air fhoillseachadh

Ghabh muinntir Lios Mòr sealbh air an eaglais aca, an dèidh ceithir bliadhna de dh'obair.

Bha Eaglais na h-Alba airson an togalach a dhùnadh, ach thàinig duine air adhart a thug seachad £25,000 airson a cheannach dhan choimhearsnachd.

Chaidh sin a chomharrachadh air an deireadh sheachdain - gu dearbha, air Là Naomh MoLuaig fhèin - le seirbheis dhà-chànanaich agus cèilidh.

Eaglais Lios Mòr
Fo-thiotal an deilbh,

Bha obair mhòr a dhìth airson an togalach a ghlèidheadh, agus a-niste 's a' choimhearsnachd air a ceannach, leanaidh an obair sin

Thogadh an togalach a th' ann ann a 1749, air stèidh pàirt de sheann Chathair-Eaglais Lios Mòr, a chaidh a thogail anns an 13mh Linn.

Tha eachdraidh na h-eaglaise a' dol air ais gu math nas fhaide na sin ge-tà, agus an Naomh MoLuag air cill a bhonntachadh air an làraich ann an 563AD.

Aig an àm, le siubhal air a' mhuir gu math nas cumanta na tha e an-diugh, b' e àite a bh' anns an Lios a bha furasta do dhaoine às na sgìrean mun cuairt a dhol ann, agus chleachd an naomh an làrach aige san eilean airson an Soisgeul a sgaoileadh.

B' ann ann a bha Easbaigeachd Earra-Ghàidheal 's nan Eilean stèidhichte fad linntean.

Eaglais Lios Mòr
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dùil aig a' bhuidhinn seirbheisean a chumail san eaglais fhathast

Ach bha eaglais Lios Mòr am measg na cho-dhùin Eaglais na h-Alba a chur bhuapa, rud a chuir iongnadh air a' choimhearsnachd, agus cheannaich iadsan i airson a glèidheadh.

"Tha sinn gu math toilichte. Cha robh sinn a' smaoineachadh gum biodh iad a' reic na h-eaglaise againne a chionn tha i cho sean," thuirt cathraiche Cille MoLuaig Lios Mòr, Màiri NicDhùghaill.

"Agus tha an eachdraidh aig an eaglais againne cho mòr 's e a' dol air ais gu MoLuag agus Naomh Calum Chille.

"Ach dar a chuala sinn gun robh iad a' reic na h-eaglaise seo chuir sinn ri chèile comann."

Uinneag dhathte ann an Eaglais Lios Mòr a' sealltainn Naomh MoLuag agus Calum Chille
Fo-thiotal an deilbh,

Tha eachdraidh gu math fada aig an làraich, 's Naomh MoLuag air cille a bhonntachadh ann ann an 563AD

Tha an obair as èiginniche a bha a dhìth air an togalach a-niste air a dhèanamh, ach tha a' bhuidheann an dùil gum bi mòran a bharrachd a dhìth fhathast airson na ballachan a chàradh.

"Fhuair sinn companaidh a-staigh a chur sgleatan air a' mhullach, ach tha mòran obair ri dhèanamh air a' mhullach agus na ballachan," thuirt Màiri.

"Tha feum againn air stiùiriche pròiseict airson na rudan mòra a dhèanamh - a' piocadh nan clachan.

"Dìreach a dhèanamh ceart mar a bha nuair a bha Naomh MoLuag an seo."

Fhad 's a tha an obair sin ri dhèanamh, tha a' bhuidheann an dùil seirbheisean a chumail san eaglais gach Dòmhnach, mar a th' air tachairt air an làraich fad cha mhòr 1,500 bliadhna.