Binn prìosain do phoileasman a dh'èignich boireannaich an Steòrnabhagh

Ros a' nochadh aig a' chùirt mus deach a chur dhan phrìosan
- Air fhoillseachadh
Chaidh deich bliadhna prìosain air oifigear poilis a dh'èignich dithis bhoireannach 's a rinn droch dhìol air tèile.
Thug Camshron Ros ionnsaighean air na boireannaich ann an Steòrnabhagh ann an 2012 agus 2014, mus do rinn e droch dhìol air boireannach eile ann an Inbhir Nis eadar 2019 agus 2022.
Chaidh Ros, 39, a chur far a dhreuchd rè ùine le Poileas Alba san Fhaoilleach 2024 an dèidh mar a thàinig na casaidean am follais. Leig e dheth a dhreuchd air a' mhìos a chaidh.
Bha e air a dhol às àicheadh nan casaidean, ach chaidh fhaighinn ciontach le diùraidh aig an Àrd-Chùirt an Dùn Èideann sa Chèitean.
Chaidh a chur air clàr nan drabastairean gun cheann-ùine.
Poileas a dh'èignich dithis bhoireannach an Leòdhas sa phrìosan
- Air fhoillseachadh25 An Cèitean
"Thug Camshron Ros ionnsaighean a dh'aona-ghnothaich grunn tursan air boireannaich thairis air deich bliadhna," thuirt Neach-casaid a' Chrùin airson Eucoirean Feiseil na h-Àrd-Chùirte, Faye Cook.
"B' e eucoir leantainneach a bha seo a rinn cron nach beag.
"Mar oifigear poilis bha e ann an suidheachadh earbsa. An àite an lagh a chumail suas, roghnaich e a bhriseadh ann am fìor dhroch dhòigh leantainnich.
"Chuirinn ìmpidh air duine sam bith air an tug leithid de dh'eucoir buaidh tighinn air adhart ga h-aithris.
"Tha an Crùn fo ghealltanas feadhainn a rinn eucoir fheiseil agus droch-dhìol san dachaigh a thoirt gu lagh, ge b' e cò iad."
An dèidh breith na cùirteach, thuirt Poileas Alba gun tachradh rannsachadh air fìor mhì-ghiùlain le oifigear poilis.