"Bidh luchd-turais a' mùin air beulaibh an taighe agam": A' chonnspaid mu bhanaichean-campachaidh san Eilean Sgitheanach

- Air fhoillseachadh
Bidh còrr is 30,000 bhana-campachaidh a' tadhal air a' Ghàidhealtachd gach bliadhna agus bidh mòran dhuibh sin a' dèanamh air an Eilean Sgitheanach.
Tha turasachd na bun-stèidh air eaconamaidh na sgìre.
Ach chan eil sin a' tighinn às aonais dhùbhlan.
Tha dol a-mach mì-shòisealta leithid a' cur na h-oidhche seachad ann na àitichean mì-fhreagarrach agus a' fàgail sgùdail agus salchair na thrioblaid.

Tha Danielle Stiùbhart ag ràdh gu bheil cuairtean ann am bhana-campachaidh a' leigeil leatha àitichean àlainn fhaicinn is gu bheil i a' sealltainn urraim is spèis dha na h-àitichean sin
Bidh Danielle Stiùbhart tric air turas sa bhana-champachaidh aice.
"S e dìreach saorsa a th' ann. Tha e sgoinneil," dh'innis Danielle dhomh.
"'S urrainn dhut èirigh ann an àite sam bith. Tha e cho brèagha. Sin an rud as fhèarr gun teagamh."
"Tron gheamhradh an-uiridh chaidh mi dhan Spàinn agus dhan Phortagail fad trì mìosan agus bha sin sgoinneil."
Bidh i cuideachd tric a' tadhal air an Eilean Sgitheanach agus ceàrnaidhean eile den Ghàidhealtachd.
Sgìrean far a bheil goireasan – no cion ghoireasan – na dhùbhlan.
Eòrpa: A' Chonnspaid Champachaidh
Tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill a’ rannsachadh ghearanan mu dhol-a-mach cuid de luchd-bhanaichean-campachaidh san Eilean Sgitheanach.
Tha Julia Dawber a' fuireach ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich.
Dh'innis i dhuinn gum bi suas ri naoi bhanaichean-campachaidh tric a' stad rè na h-oidhche ri taobh a dachaigh.
"Nuair a bhios mi ag ithe mo dhìnneir bidh daoine a' tighinn a-mach agus a' mùin – chì mi iad," thuirt i.
"Bidh pàipear air fhàgail uaireannan. Tha e sgreamhail."
Thuirt Julia: "Tha fios agam nach eil taighean-beaga an seo ach tha craobhan agus creagan ann agus dh'fhaodadh tu a bhith air falach, ach tha cuid de dhaoine coma agus bidh iad ga dhèanamh ri taobh an rathaid."

Tha Calum Peutan ag ràdh gu bheil tàire air a bhith aige le dol a-mach cuid de luchd-tadhail ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich
Lorg Calum Peutan, a tha na chroitear ann an ceann a tuath an Eilein, salchar mhic an duine bho thaigh-beag bhana-campachaidh air a chopadh sa bhiona aige.
Tha esan a' coireachadh dhaoine a bhios a' stad ri taobh an rathaid ann am bhanaichean-campachaidh agus ann an carbadan.
"Tha cuimhne agam là an-uiridh, bha balach eile cuide rium agus bha salchar agus pàipear air fhàgail an sin agus bha esan an dèidh caoraich a thoirt a-staigh, agus an ath rud thug sin an aire gun robh an cù air a liacadh leis an t-salchar, feumaidh gun robh e ga roiligeadh fhèin ann.
"Dh'fheumadh e an cù a ghlanadh mus cuireadh e air ais dhan bhana e."

Tha Sarah NicFhiongain den bheachd gu bheil a' mhòr-chuid de luchd-tadhail gan giùlain fhèin ann an dòigh chùramaich
Thuirt Sarah NicFhionghain, a tha a' ruith bhana-bìdh anns Na Torran ann an iar-dheas an Eilein Sgitheanaich, gu bheil a' mhòr-chuid de luchd-turais modhail, agus gu bheil na lugha dhiubh ann an coimeas ri bliadhnaichean eile.
"Tha sinn air a bhith a' dèanamh seo fad sia bliadhna a-nis, mar sin tha e cinnteach nas sàmhaiche am-bliadhna," thuirt Sarah.
"Feumaidh mi a ràdh: tha an t-àite seo glan, sgiobalta."
"Bha 16 campairean againn, deugairean, an seo a-raoir. Chan eil sgudal sam bith ann.
"Chanainsa, sa bhitheantas, tha 95% de dhaoine math."

Tha Beate agus Heiner Delbach ag ràdh nach eil e ach ceart is ciallach a bhith a' sealltainn urraim do choimhearsnachdan is an àrainneachd mun cuairt
Tha Còd Slighean Dùthchail na h-Alba, taobh a-muigh a' moladh do dhaoine a bhith cùramach air a' bhlàr a-miugh.
Thuirt NàdarAlba gu bheil an còd stèidhichte air trì prìomhachasan:
Cùram dha daoine eile
Cùram dhan àrainneachd
Uallach a ghabhail airson do dhòigh-ghiùlain fhèin
Tha còraichean a' gabhail a-steach campachadh, campachadh ann an teanta mar phàirt de bhuidhinn bhig agus gun làrach fhàgail às dèidh làimh.
Ach thuirt NàdarAlba nach eil an còd a' toirt cead do dhaoine carbad a stad rè na h-oidhche ri taobh an rathaid.
Thuirt Beate agus Heiner Delbach, aig a bheil bhana-campachaidh, gu bheil e ceart is ciallach spèis a bhith agad don àrainneachd.
Thuirt Beate: "Tha e gu math cudromach dhuinne oir tha sinn airson spèis a shealltainn do nàdar agus do dhaoine eile.
"Chanain, dhuinne, gu bheil sin àbhaisteach."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh1 An Dàmhair 2024

- Air fhoillseachadh20 Am Màrt 2025

- Air fhoillseachadh13 An Gearran 2025
