Tunailean a dhìth eadar na h-Eileanan Siar, a rèir chomhairliche

Càraichean ann an tunailTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Thuirt comhairliche às na Hearadh gum feumar coimhead ri tunailean a chur fo Chaolas na Hearadh agus Caolas Bharraigh anns an ùine fhada.

Bha Coinneach MacLeòid a' bruidhinn an dèidh seachdain anns nach robh seirbheis aiseig cheart thar Chaolas na Hearadh, le seirbheis do luchd-coise a-mhàin, agus troimhe-chèile mhòr a' toirt buaidh air lìonra ChalMac.

An-dràsta tha nas lugha charbadan na 's àbhaist gan ceadachadh air an aiseag.

Thuirt Mgr MacLeòid gum feumadh deasbad coileanta a bhith ann air a' mholadh.

"San ùine fhada feumaidh sinn coimhead ri tunailean air Caolas na Hearadh agus Caolas Bharraigh, oir tha dùbhlain an sin agus cruaidh-fheum air fuasgladh," thuirt e.

"Chan eil mi cho cinnteach gur e tunail dhan Eilean Sgitheanach an rud ceart."

Thuirt Mgr MacLeòid gun toireadh leithid de thunail "atharrachadh mòr" air cultar agus beatha nan eilean.

"Le tunailean tha daoine a' tighinn a là 's a dh'oidhche, is atharrachaidh an dòigh-beatha air fad," thuirt e.

"Co-dhiù leis na h-aiseagan chan eil ach na h-uimhir de dhaoine a' tighinn aig aon àm, 's dèiligidh an t-eilean ri sin.

"Ach le daoine a' tighinn a là 's a dh'oidhche tha iarrtas air seirbheisean, àiteachan-fuirich, biadh, àiteachan a bhith fosgailte gus am faod daoine airgead a chosg, a h-uile rud."

Mhol pàipear le Riaghaltas na h-Alba na bu thràithe am-bliadhna gun deadh conaltradh poblach a chumail air a' bheachd tunailean a thogail.

Mhol Plana Nàiseanta nan Eilean gun deadh "measaidhean mionaideach" a dhèanamh air ceanglaichean stèidhichte air Caolas na Hearadh, Caolas Bharraigh agus Caol Mhuile.

Sin an dèidh ath-sgrùdaidh a rinn Còmhdhail Alba ann an 2022 a fhuair gum faodadh buannachdan tighinn à ceanglaichean stèidhichte san ùine fhada.