Naidheachdan 11:00m

Peter Mandelson

Tha an seirbheiseach catharra as àirde dreuchd ann an Oifis nan Dùthchannan Cèine, Sir Olly Robbins, a' fàgail na h-obrach. Bha Sràid Downing air a ràdh nach deach innse don Phrìomhaire nach deach leis a' Mhorair Mandelson le sgrùdadh tèarainteachd a chaidh a dhèanamh air. Sin mus deach fhastadh mar thosgaire gu Washington. Tha na na partaidhean dùbhlanach air iarraidh air Sir Keir Starmer a dhreuchd fhàgail 's cuid a' fàgail air gun do mheall e a' Phàrlamaid. Chaidh àrd-rùnaire a' Phrìomhaire, Darren Jones, às àicheadh sin ge-tà.

Iran

Tha an Ceann-Suidhe Trump ag ràdh gu bheil Iran air aontachadh uranium a th' air a bheartachadh airson armachd niuclasach a thoirt seachad. Tha seo air a bhith na chnap-starra anns na còmhraidhean feuch an cogadh anns an Ear-Mheadhanach a thoirt gu crìch. Thuirt Mgr Trump gur dòcha gun tòisich còmhraidhean ùra a thaobh sìthe cho tràth ris an deireadh-sheachdain.

An Lebanon

Tha na deichean mhìltean dhaoine às an Lebanon a' tilleadh chun an dachannan às dèidh mar a chaidh fosadh aontachadh le Israel. Thuirt a' bhuidheann Hezbollah a tha a' faighinn taic Iran, gun cùm iadsan ris an fhosadh a th' ann fad deich là.

Aiseag Loch Baghasdail

Tha muinntir Uibhist a Deas gu bhith às aonais aiseig gu tìr-mòr airson mìos eile. Tha CalMac air planaichean ùra fhoillseachadh 's dùil gun till an Hebrides air an deireadh-sheachdain, ach tha cion shoithichean na dhragh orra fhathast. Tha iad air leisgeul a thabhainn airson an t-suidheachaidh, 's tha iad ag ràdh gun tèid aig daoine air a dhol thar Chaolas Bharraigh airson aiseag Bhàgh a' Chaisteil, le leudachadh air a' chlàr-ama eadar an t-Àird Mhòr is Èirisgeigh, agus gun tèid aca air na cosgaisean a bharrachd a bhios orra air a shàilleibh fhaighinn air ais.

Manifesto nan Lib Deamach

Tha Lib Deamaich na h-Alba air planaichean fhoillseachadh gus £400m a chosg air cùram shòisealta an Alba anns a' mhanifesto aca airson an taghaidh Albannaich. 'S iadsan am partaidh mu dheireadh de na sia partaidhean mòra gus manifesto fhoillseachadh ron taghadh an ceann trì seachdainnean. Thuirt ceannard a' phartaidh, Alex Cole-Hamilton, gu bheil e airson 's gun toir an ath riaghaltas Albannach prìomhachas do bhith a' fastadh 2,000 neach a bheir taic do sgoilearan anns na sgoiltean, agus gu bheil iad cuideachd a' cur taic ri luchd-obrach clionaigeach eile ann an ionadan dotairean-teaghlaich, seach na dotairean fhèin, feuch dèiligeadh ris na th' ann de chuideam air seirbheisean an sin.