1,500 a' cur an aghaidh dùnadh Banca na h-Alba am Beinn na Faoghla

Soidhne air doras Bhanca na h-Alba am Baile a' Mhanaich ag innse do luchd-cleachdaidh gum bi e a' dùnadh
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dragh air daoine gu bheil iad a' call seirbheis phearsanta aghaidh ri aghaidh

  • Air fhoillseachadh

Tha muinntir Uibhist a' cur ìmpidh air Banca na h-Alba gun am meur aca am Baile a' Mhanaich a dhùnadh as t-samhradh.

Thèid athchuinge le cha mhòr 1,500 ainm air a chur gu ceannardan Buidheann Bancaidh Lloyds, leis a bheil Banca na h-Alba, a dhearbh an-uiridh gun dùineadh iad 100 banca san Rìoghachd Aonaichte, 11 dhiubh ann an Alba.

Chaidh innse sa Mhàrt gur ann aig toiseach an Iuchair a bhiodh meur Beinn na Faoghla a' dùnadh.

Dh'fhàgadh sin nach biodh ach aon bhanca san sgìre air fad - Banca Rìoghail na h-Alba ann an Loch Baghasdail.

A bharrachd air an athchuinge, tha iarrtas a' fàs airson coinneimh phoblaich.

Thuirt an fheadhainn air cùl na h-athchuinge gun do chuir iad cuireadh gu Banca na h-Alba riochdairean a chur dhan choinneimh ach gun do dhiùlt iad.

Roghainnean eile

Thuirt Lloyds roimhe gu bheil iad "an-còmhnaidh a' beachdachadh air na roghainnean eile a th' ann gu h-ionadail" nuair a nì iad co-dhùnadh mu bhith a' dùnadh meòir.

Ann an Uibhist faodaidh daoine Oifis a' Phuist agus PayPoint ann am Bùth Lovats a chleachdadh cho math ri feum a dhèanamh de na seirbheisean air-loidhne agus an app aca, tha iad ag ràdh.

Ge-tà, mhìnich luchd-còmhnaidh agus luchd-gnothachais an cuid draghan mu bhith a' call goireas bancaireachd gu h-ionadail nuair a chuir iad an ainm ris an athchuinge.

Thuirt cuideigin nach eil na sgilean didseatach aca neo fiù 's coimpiutair aig an taigh.

Tha neach-còmhnaidh eile ag ràdh gun do chuir an cuid chloinne bancaireachd air-loidhne air dòigh dhaibh ach nach eil misneachd gu leòr aca a chleachdadh mura biodh iad ann.

Tha gnothachas ionadail ag ràdh gum faod gainnead de dh'airgead thioram a bhith aig luchd-ceannaich a bhith cosgail dhaibh agus cosgais suas ri 2.5% a' tighinn orra ma phàigheas iad le cairt.

A bharrachd air ceannardan Buidheann Bancaidh Lloyds, thèid an athchuinge a chur gu ministearan aig Westminsiter agus aig Holyrood cho math ri comhairlichean ionadail.

Tha luchd na h-athchuinge ag iarraidh air na riochdairean poileataigeach aca coinneamh phoblach a chur air dòigh mun chùis.

Thuirt iad gun do dh'iarr iad air Banca na h-Alba riochdairean a chur ann gus an tuigeadh iad suidheachadh sònraichte nan eilean, ach gun deach an t-iarrtas sin a dhiùltadh.

Thuirt Banca na h-Alba roimhe nach beachdaicheadh iad às ùr air a' cho-dhùnadh togalach Bhaile a' Mhanaich a dhùnadh.