Aiseag Loch Baghasdail dheth 'son mìos

MV Lord of the Isles aig cidhe Loch BaghasdailTùs an deilbh, STEVE HOULDSWORTH/GEOGRAPH
  • Air fhoillseachadh

Tha CalMac air an t-seirbheis eadar Malaig agus Loch Baghasdail a chur dheth airson mìos agus iad a' gluasad shoithichean feadh na lìonra gus dèiligeadh ri dìth aiseagan.

Bidh an MV Hebrides air ais ann an seirbheis ach thèid an Lord of the Isles a ghluasad gu slighe Ìle.

Thuirt CalMac gum faod luchd-siubhail falbh eadar Uibhist a Deas is tìr-mòr taobh aiseag Chaolas Bharraigh agus air adhart dhan Òban bho Bhàgh a' Chaisteil, agus na cosgaisean a bharrachd a bhios orra ri linn seo fhaighinn air ais.

Bidh an MV Glen Sannox air an t-slighe eadar an t-Òban agus Bàgh a' Chaisteil rè ùine bho Dhiluain ma shoirbhicheas le deuchainnean airson a faighinn a-steach dha na puirt.