Chan eil suidheachdh nan caorach Hiortach "reusanta" a rèir BhPA

Caora agus uan ann na Hiort air feurach ghoirid ghorm
  • Air fhoillseachadh

Tha BPA Gàidhealach ag iarraidh atharrachadh fhaicinn air a' chùram a tha ga thoirt do chaoraich ann an Hiort, agus dragh ann gu bheil na ceudan dhiubh a' bàsachadh le cion a' bhìdhe.

Chaidh na caoraich fhàgail air prìomh eilean na sgìre, Hiort, an dèidh dhan t-sluagh fàgail ann an 1930, ach tha iad cuideachd rim faighinn air eileanan eile ri làimh.

Chan eileas air a bhith a' coimhead às an dèidh bhon uair sin, agus iad gam meas mar bheathaichean fiadhaich.

Closach caoraich anna Hiort air beulaibh seann ghàrraidh chloiche

A rèir lighichean-sprèidh a tha stèidhichte ann an Uibhist, bidh na ceudan de na caoraich - suas ri 35% de na th' ann dhiubh air fad, agus 25% de na h-uain - a' bàsachadh leis an acras a h-uile bliadhna.

'S ann le Urras Nàiseanta na h-Alba a tha Hiort, agus tha a' bhuidheann a' feitheamh aithisg air na gnothaichean moralta is eitigeach ceangailte ris na caoraich fheireil.

Tha Tim Eagle BPA, a tha cuideachd na thuathanach chaorach, ag ràdh, ge b' e dè chanas an aithisg sin, nach urrainn dhasan taic a chur ri poileasaidh a dh'fhàgas cùisean mar a tha iad.

"Chan eil adhbhar agam gun creidsinn na tha sinn a' cluinntinn - gu bheil na h-uimhir de chaoraich a tha a' bàsachadh ann an dòigh gu math mì-thlachdmhor," thuirt Mgr Eagle.

"Ma 's urrainn dhuinn bacadh a chur air sin - cuid dhiubh a thoirt far an eilein; 's dòcha gum feumar cuid a spadadh, 's tha fhios agam nach còrd sin ri daoine - ach ge b' e dè am fuasgladh, feumaidh sinn a bhith fosgailte mu dheidhinn.

"'S e an dragh a th' ormsa nach toir sinn feart dhan t-suidheachadh 's gun leig sinn leis cumail a' dol. Chan eil sin reusanta."