Naidheachdan 11:00m
Ioran
Thuirt an Ceann-Suidhe Trump gu bheil an t-aonta eadar na Stàitean Aonaichte agus Ioran airson sgur den chogadh - am Memorandum of Understanding mar a theirear ris - seachad. Thug an dà dhùthaich ionnsaighean air a chèile tron oidhche an dèidh dha na Stàitean Aonaichte fàgail air Ioran gun do loisg iad le urchairean air luingeas choimearsalta ann an Caolas Hormuz. Chaidh prìs na h-ola suas 5% le briathran Mhgr Trump. Thuirt an Ceann-Suidhe, a th' aig àrd-choinneimh NATO ann an Ankara anns an Tuirc, nach eil adhbhar dha a bhith a' cosg ùine a' bruidhinn ri Tehran.
Virgin Media
Chaidh càin £28m air Virgin Media an dèidh rannsachaidh a fhuair gun do chuir iad stad no maill air milleanan dhaoine bho bhith a' faighinn a-mach à cùmhnantan bann-leathainn. Thuirt an riaghladair Ofcom gun do rinn Virgin droch làimhseachadh air conaltradh fòna luchd-cleachdaidh airson fad trì bliadhna. Dh'iarr Virgin Media an leisgeul a ghabhail airson sin agus thuirt iad gun tug iad atharrachadh air na seirbheisean aca bhon uair sin.
Reform
Tha fear-labhairt Reform UK air cùisean na dùthcha, Zia Yousaf, a' fàgail air na partaidhean poilitigeach eile gu bheil iad a' dèanamh "magadh air deamocrasaidh" le diùltadh seasamh ann am fo-thaghadh Clacton. Tha na prìomh phartaidhean uile ag ràdh nach gabh iad pàirt san taghadh an dèidh do cheannard Reform UK, Nigel Farage, seasamh sìos mar bhall-pàrlamaid an lùib sgrùdaidh mu ionmhas phearsanta.
Bancaichean
Tha deasbad aig Comataidh Chùisean na h-Alba aig Westminster an-diugh mu sheirbheisean airgid 's banca le dragh mun àireimh mhòir bhancaichean a tha a' dùnadh sna sgìrean dùthchail. Tha na buill a' gabhail fianais bho Oifis a' Phuist agus bhon bhuidhinn LINK a tha os cionn sheirbheisean ATM.