Draghan às ùr mu chaoraich Hiort

- Air fhoillseachadh
Tha ceistean ann às ùr mu chaoraich Hiort is BBC Naidheachdan air bhideo fhaicinn anns a bheil beathaichean a' fulang gu mòr leis an acras.
Chaidh na dealbhan a thogail le dithis lighiche-sprèidh air turas gu Hiort aig deireadh a' Ghiblein.
Chaidh na beathaichean a bhiodh muinntir Hiort a' cumail fhàgail sna h-eileanan nuair a dh'fhàg an sluagh ann an 1930.
Tha luchd-saidheans air a bhith gan sgrùdadh tro Phròiseact nan Caorach Hiortach fad iomadh bliadhna.
Ach tha dithis lighiche-sprèidh ann an Uibhist, Daibhidh Buckland is Graham Charlesworth, gu tric air draghan a thogail mu shuidheachadh nan caorach.

Tha iad air a ràdh roimhe gu bheilear a' leigeil leis na ceudan chaorach ann an Hiort bàsachadh leis an acras a h-uile bliadhna.
Tha iad ag ràdh gum bu chòir dìon a chur orra.
A' freagairt nan draghan sin an-uiridh, thuirt Riaghaltas na h-Alba: "gur e am breithneachadh air caoraich Shòthaigh Hiort gur e creutairean fiadhaich a th' annta air sàilleibh mar a tha iad tro eachdraidh air tighinn beò fad ghinealaichean gun stiùireadh".
Thuirt an riaghaltas mar sin gu bheil an teud air an dìon fo lagh eile, Achd nam Mamalan Fiadhaich, mar a tha fèidh.
Tha Daibhidh Buckland is Graham Charlesworth a-nise air draghan a thogail às ùr às dèidh dhaibh a bhith ann an Hiort sa Ghiblean.

Dh'innis iad gun d' fhuair iad caoraich is uain a bha marbh is feadhainn eile a bha ann an droch staid is a' fulang leis an acras.
Bha seo a dh'aindeoin is cho torrach 's a tha an t-eilean, thuirt iad.
Thuirt Mgr Buckland gun robh cuid de na seallaidhean a chunnaic iad cho dona is gun do dh'fhàg e iad cola-deug mus tug e sùil air ais orra.
"Tha mi a' smaoineachadh gur e an rud bu mhiosa an òthaisg a lorg sinn na laighe, beò fhathast, le a sùil air a toirt aiste le fitheach a rèir choltais," thuirt e.
"Bha i cuideachd air a goirteachadh agus a' call fala. Agus bha na t-uan aice fhathast a' feuchainn ri bainne fhaighinn is i a' fàs nas acraiche.
Eòrpa: Caoraich Hiort
Shona NicDhòmhnaill a’ cluinntinn chasaidean gu bheilear a’ leigeil le na ceudan de chaoraich fiadhaich ann an Hiort bàsachadh leis an acras gach bliadhna.
"Chaidh sinn air ais an ath là agus bha an òthaisg marbh, ach bha an t-acras air an uan fhathast agus bha i fhathast a' feuchainn ri bainne fhaighinn.
"Bha sin doirbh air sgàth nach urrainn dhuinn dad a dhèanamh mu dheidhinn."
Thuirt Mgr Buckland gu bheil dragh air fhèin is Mgr Charlesworth gu bheil Riaghaltas na h-Alba fhathast a' dèiligeadh ris na caoraich mar bheathaichean fiadhaich is nach eil dìon laghail ann dhaibh.
Thadhail àrd-lighiche sprèidh an riaghaltais air Hiort cuideachd aig deireadh a' Ghiblein air an aon turas.
Caoraich Hiort: "Thathar a' leigeil le pian is fulangas"
- Air fhoillseachadh29 An t-Sultain 2025
"Cobhair a dhìth" air caoraich Hiort
- Air fhoillseachadh10 An Cèitean 2023
Thuirt neach-labhairt bhon riaghaltas gur ann airson fiosrachadh a chruinneachadh airson aithisg do Choimisean na h-Alba air Maith Bheathaichean mu chaoraich Hiort a bha an turas.
Thuirt iad gun tèid an aithisg sin fhoillseachadh fhathast.
Thuirt Urras Nàiseanta na h-Alba, leis a bheil Hiort, gu bheil iad fhèin a' dèanamh ath-sgrùdaidh air na caoraich an-dràsta.
Thuirt iad gun robh na caoraich fallain anns a' chumantas ach gun robh iad a' tuigsinn carson a bhiodh dragh air daoine mu shuidheachadh nan caorach agus gur ann air sgàth sin a tha iad a' dèanamh an ath-sgrùdaidh aca fhèin.