Oidhirp air caoraich Hiort a dhìon
Bhàsaich cha mhòr 1,000 caora ann an Hiort air a' bhliadhna a chaidh seachad - sin cha mhòr an dàrna leth dhiubh.
'S e an t-acras a thug bàs dhaibh, rud a tha a' tachairt gach bliadhna.
A-nis, tha lighichean-sprèidh ann an Uibhist ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba Achd na Slàinte 's a' Mhaith Bheathaichean a chur an sàs airson na caoraich a dhìon.
Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.