BP nan Eilean Siar ag iarraidh atharrachadh air sgeama taic na h-ola

Làmh air inneal-teasachaidhTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha ball-pàrlamaid nan Eilean Siar aig Westminster ag iarraidh gun tèid atharrachadh a thoirt air sgeama taic na h-ola airson teas san dachaigh.

Sin agus e air a thighinn am follais nach deach a thoirt seachad ach mu £1m den £10m a tha san stòras.

A' togail na cùis ann an Taigh nan Cumantan, thuirt Torcuil Crichton gu bheil e riatanach na riaghailtean atharrachadh gus am bi barrachd dhaoine airidh air taic.

Chaidh an sgeama a stèidheachadh le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte sa Mhàrt an dèidh do phrìs na h-ola èirigh gu mòr ri linn cogadh an Ear-Mheadhanaich.

Chuir Riaghaltas na h-Alba £5.4m ris a' mhaoin, a thuilleadh air £4.6m a bh' ann mu thràth bho Westminster, gus taic a chumail ri daoine an Alba a bhios a' cleachdadh ola airson an dachaighean a theasachadh.

Fon sgeama, faodaidh dachaighean a tha a' strì le prìs na h-ola iarrtas a dhèanamh airson £300.

Tha i air a ruith leis a' bhuidhinn Buidheann Comhairlichidh Alba.

Tha timcheall air 142,000 dachaigh ann an Alba a' cleachdadh ola airson teas.

BP nan Eilean Siar, Torcuil Crichton, ann an Taigh nan Cumantan.Tùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,

BP nan Eilean Siar, Torcuil Crichton, ann an Taigh nan Cumantan

A rèir Mhgr Crichton, bu chòir atharrachadh a thoirt air na slatan-tomais a thathas a' cleachdadh airson measadh a dhèanamh air cò tha airidh air taic.

"Tha mi a' cluinntinn gu bheilear a' diùltadh barrachd iarrtais na thathas a' gabhail fo na riaghailtean a th' ann an-dràsta," thuirt e.

"Nuair a chaidh a chur air chois, chaidh a ràdh gum biodh e fosgailte do dhachaighean a bha nam prìomhachas ri linn far a bheil iad san dùtchaich no cho dùthchail 's a tha iad."

"B' urrainn a ràdh gu bheil na h-Eileanan an Iar air fad 'gu math dùthchail no iomallach' agus tha sin a' ciallachadh gu bheil iad airidh air cuideachadh."

"Tha faisg air dàrna leth de dhachaighean nan eilean an eisimeil ola airson teas agus 's ann againn a tha na h-ìrean às àirde de bhochdainn connaidh san dùthaich."

"Mar sin, bu chòir do thaic a bhith air a chur far a bheil am feum as motha."

Thuirt Mgr Crichton gum bruidhinn e ri Buidheann Comhairlichidh Alba agus ri ministearan uair eile mu dheidhinn an sgeama a leudachadh chun a h-uile dachaigh anns na h-eileanan a tha a' cleachdadh ola.

Riaghaltas na h-Alba

Thuirt labhraiche do Riaghaltas na h-Alba gun deach an sgeama a chur an sàs gus a bhith cinnteach gu bheil na dachaighean as so-leònta a' faighinn taic.

Nam measg tha feadhainn a tha a' faighinn sochairean, feadhainn a tha a' feumachdainn teas a bharrachd agus iadsan a tha a' strì le cosgaisean 's a dh'fhaodadh na thathas a' cleachdadh de chonnadh a chuingealach ri linn sin.

"Tha ath-sgrùdadh ga dhèanamh gu cunbhalach air cò a tha airidh air taic gus a bhith cinnteach gu bheil cùisean cho sìmplidh 's cho freagarrach 's a ghabhas do dhaoine a tha a' dèanamh iarrtas."

"Aig a' cheart àm, feumaidh sinn a bhith cinnteach gu bheil airgead poblach a' dol chun na dachaighean as motha a tha ga fheumachdainn."

Chaidh beachd iarraidh bho Bhuidheann Comhairlichidh Alba.

Tuilleadh air an sgeulachd seo