Ceist an swastika an Inbhir Pheofharain

Swastika air feansa ann an Inbhir Pheofharain
- Air fhoillseachadh
Ciamar a thàinig samhla nan Nàsach a bhith air feansa ann an Inbhir Pheofharain?
Mura robh thu gan sireadh chan fhaiceadh tu iad.
Ach aon uair is gu bheil thu air mothachadh, cha mhòr gun creideadh tu na tha air do bheulaibh.
Air Rathad na Creige ann am meadhan baile Inbhir Pheofharain, tha feansa ann agus na uèirichean gan cumail teann le inneal ris a chanar tensioners sa chànan eile.
Agus orra sin tha samhla cho connspaideach is a ghabhas – an swaskita.
Tha na h-innealan fhèin agus na uèirichean seann-fhasanta agus meirgeach.
A rèir an cuid coltais, agus a rèir muinntir a' bhaile, tha iad air a bhith ann fad iomadh bliadhna.
Ach cò às an tàinig iad?
Cha b' iad na Nàsaich a chruthaich an samhla seo fhèin.
Tha e ga chleachdadh tric is minig ann an dùthchannan Àisianach is ciall gu math eadar-dhealaichte aige ann an creideamhan an sin.

Agus anns na bliadhnaichean aig deireadh an 19mh linn agus toiseach an 20mh linn, thòisich samhlaidhean Àisianach, nam measg an swastika, a bhith a' nochdach ann an ailtireachd, dealbhachadh, ealan agus cuideachd mar chomharra-malairt air innealan.
Tha fianais ri faicinn fhathast ann an diofar phàirtean de Bhreatainn. Agus tha a' Ghàidhealtachd nam measg.
Ann an Ratharsair, air a' chidhe, tha acair a rinneadh leis a' chompanaidh WL Byres, a bhiodh a' cleachdadh an swastika mar chomharra-malairt.
Dh'adhbharaich acair eile bhon dearbh chompanaidh connspaid ann am pàirc ann am Quebec.
Dh'fhaodadh gur e eisimpleir eile den leithid a tha ann an Inbhir Pheofharain, ach cho fhad 's a chì mi fhèin, cha bhiodh a' chompanaidh seo a' reic ach acairean.
Bha companaidh eile ann an Louisiana sna Stàitean air an robh Buffum Tool Co a bha a' cruthachadh innealan de dh'iomadh seòrsa, agus a' cleachdadh an aon shamhla air an stuth aca.
Dè mun bheachd eile ge-tà, gun tàinig iad slighe air choireigin a dh'Inbhir Pheofharain bhon Treasamh Reich?
Bha sia bliadhna ann, eadar 1933 agus 1939, nuair a bha riaghaltas Hitler ann an cumhachd anns a' Ghearmailt mus an do thòisich iad an Dàrna Cogadh.
Tro na sia bliadhnaichean sin, bha an Rìoghachd Aonaichte a' ceannach agus a' reic bathair ris a' Ghearmailt.
Tha sin am measg nam beachdan a bh'aig cathraiche Taigh-tasgaidh Inbhir Pheofharain, Jonathan MacColla.
"Dh'fhaodadh gun tàinig iad bhon Ghearmailt sna 1930," dh'innis e dhomh.
"Bha gniomhachas mòr sa Ghearmailt a' dèanamh an leithid de dh'innealan agus dh'fhaodadh gun cuireadh iad an leithid de shamhla orra."
Rud eile a tha inntinneach mun chùis seo; tha an dearbh seòrsa rud air nochdadh ann an corra sgìre eile de dh'Alba.
Lorg mi eisimpleirean ann an dealbhan ann an Earra-Ghàidheal agus tha cuid air innse gum faca iad an leithid ann an Siorrachd Shruighlea agus ann an Èirinn.

Cha do lorg mi aonta am measg nan eòlaichean ris an do bhruidhinn mi airson a' phìos seo.
Ach am beachd Jonathan, dh'fhaodadh nach eil swastikathan Inbhir Pheofharain buileach aosta gu leòr airson a bhith às a' Ghearmailt is linn Hitler.
"Tha mise an amharas gu bheil iad seo a' tighinn bhon 1950an no 1960an.
"Ma 's e is gu bheil iad, tha teansa gun deach an dèanamh sna h-Innseachan, far a bheil companaidhean gu leòr a bhios a' dèanamh an leithid de dh'innealan.
"Tha cuid de chompanaidhean san dùthaich sin le ainmean leithid Swastik no Swastika fiù 's."
Ge bi cò às a thàinig an fheadhainn seo, tha coltas ann gu bheil an sgeulachd aca a' tighinn gu ceann.
'S ann a' cuairteachadh fo-stèisean dealain SSEN a tha iad.
Cha robh fios sam bith acasan mu dhèidhinn mus do chuir mi fios thuca.
Agus tha a' chompanaidh air innse, às dèidh dhan BhBC an aire a tharraing chun na sgeulachd seo, gu bheil iad gus cuidhteas fhaighinn dhiubh.
Ged a thèid iad fhèin às an t-sealladh ge-tà, tha coltas ann gum mair ceist swastikathan Inbhir Pheòfharain greis fhathast.