Leig às sgreuch 'son sgioba na h-Alba

Sgoilear òg a' cluich ball-coise le Cailean Stone is iad a' fiolmadh bhideo Gun Alba
- Air fhoillseachadh
Nuair a sheòl oidhirp àrd, àlainn, iongantach Choinnich MhicIllEathain os cionn Kasper Schmeichel agus a-steach gu lìon na Danmhairg aig Hampden san t-Samhain, 's e iomadh rud a chaidh mu sgaoil.
Gàirdeachas mòr sa chiad àite is 28 bliadhna de phian is fulangas 'son sgioba nam fear a' tighinn gu ceann ann an dòigh cho craicte is nach creideadh duine thu ma bha thu air a sgrìobhadh.
Thall 's a bhos anns na làithean às dèidh a' gheama, bha spionnadh a bharrachd ann an daoine - fiù 's gu leòr nach eil mar as trice le cus ùidh ann am ball-coise.
Anns na seachdainean mu dheireadh is an fharpais mhòr a-nise a' teannadh dlùth, tha rudan eile air a dhol mu sgaoil is luchd-ciùil Albannach a' feuchainn air òran Chupa na Cruinne a sgrìobhadh.

Cailean Stone le clann à Bun-sgoil Ardgowan, far an deach bhideo an òrain a chlàradh
Chan eil, bhiodh e fìor a ràdh, fàilte cho buileach mòr air a dhol air na h-òrain agus cuid dhiubh air nach smaoineachadh tu a-rithist cho luath 's a tha iad seachad.
Co-dhiù chan urrainn sin a ràdh mun òran as ùire ge-tà - Gun Alba bhon chòmhlan metalcore Gun Ghaol - còmhlan a bhios a' sgreuchail seach a' seinn.
A rèir Chailein Stone bhon chòmhlan, tha sin air leth freagarrach is e a' togail air rudeigin eile a chaidh mu sgaoil nuair a chuir Coinneach MhicIllEathain an tadhal ainmeil aige.
"Chan eil Hampden a' tòiseachadh ri seinn nuair a tha am ball a' dol dhan lìon," tha Cailean ag ràdh.
"'S e tha a' tachairt ach gum bi a h-uile duine ag èigheachd còmhla, a' beucail còmhla, a' sgreuchail còmhla - is an uairsin tha an t-seinn a' tòiseachadh.
"'S e sin dìreach a tha san òran againn Gun Alba."
Cead do stuth YouTube?
Tha stuth Google YouTube an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson poileasaidh nam briosgaidean aca a leughadh, taobh a-muigh a leughadh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.
'S dòcha gu bheil sibh anns na mìosan mu dheireadh air aithrisean de na tadhail an oidhche ud a chluinntinn ann an diofar chànanan.
Do mhuinntir na Gàidhlig chan eil am beat air aithris Alasdair MhicIllInnein air BBC Radio nan Gàidheal.
"Ohhhhhhhhhhhhhhh mo chreach!"
Thug an aithris buaidh air Cailean cuideachd.
"'S e aithris Alasdair a thug orm smaoineachadh air seo a dhèanamh," tha e ag ràdh.
"Bha na h-uimhir de chumhachd is faireachdainn na ghuth is e ag aithris air tadhal Choinnich MhicIllEathain. Bha e cho math 's gun do chuir sinn e aig deireadh an òrain.
"Ag èisteachd ris aig an àm, shaoil mi: carson nach clàr sinn òran Chupa na Cruinne san stoidhle againn fhèin, a' sgreuchail nam faclan is an uairsin sèist aotrom."
Alasdair MacIlIinnein ag aithris air Alba 4 An Danmhairg 2
Tha Gun Ghaol ag ràdh gur e a' chiad òran Chupa na Cruinne ann an Gàidhlig a tha ann an Gun Alba - is e stèidhichte gu ìre air No Scotland No Party.
Gu dèimhinnte 's e a' chiad òran Chupa na Cruinne meatailt ann an Gàidhlig.
Tha Cailean mothachail nach còrd an stoidhle ris a h-uile duine, ach tha den bheachd gu bheil e co-dhiù nas dàna is nas inntinniche na cuid de na h-òrain eile a tha air nochdadh.
"Tha am fear a rinn JJ Bull glè mhath. Tha e diofraichte, tha e ùr, tha e spòrsail.
"Tha fios againn gum bi an t-òran againn a' sgaradh bheachdan ach chan eil duine ag iarraidh òran indie giotàr eile le oidhirp robach air ainm nan cluicheadairean fittadh a-steach ann.
"Tha mi airson is gum feuch barrachd luchd-ciùil ri rudeigin dha-rìribh ùr a chruthachadh airson nuair a ruigeas Alba Cupa na Cruinne ann an 2032".
Tha sin pìos air falbh.
An toiseach bidh Cailean an dòchas gum bi an t-Arm Tartain as t-samhradh a' sgreuchail Gun Alba eadar Miami is Mangarstaigh is bho Boston gu Barraigh.
Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh6 An t-Ògmhios 2024
