Naidheachdan 10:00m

Ceannas nan Làbarach

Tha luchd-taic Andy Burnham a tha an dùil seasamh ann am fo-thaghadh ann an oidhirp faighinn gu Westminster airson cothrom a thoirt dha fhèin mar thagraiche airson ceannas nan Làbarach air càineadh a dhèanamh air Wes Streeting, a tha cuideachd an dùil seasamh. Thuirt esan gum bu chòir dhan Rìoghachd Aonaichte a dhol mar phàirt den Aonadh Eòrpach a-rithist. Tha an fheadhainn a tha a' taobhadh ri Burnham ag ràdh gum faodadh Brexit cùisean a dhèanamh nas duilghe dha ann am fo-thaghadh Makerfield a bhith a' seasamh an aghaidh Reform gu sònraichte. Bhòt an sgìre gu mòr airson Brexit anns an referendum.

Mì-rian an dèidh a' bhuill-choise

Bu chòir clubaichean ball-coise a bhith air am peanasachadh nuair a tha luchd-leantainn a' dol air a' phàirc - a rèir seann àrd-stiùiriche Comann Ball-coise na h-Alba. Thuirt Gordon Smith gum feumaiste rudeigin a dhèanamh an dèidh mar a thachair aig deireadh a' gheama eadar Celtic agus Hearts Disathairne nuair a bhuannaich Celtic an tiotal. Chaidh dithis oifigearan poilis a ghoirteachadh anns an Trongate ann an Glaschu an uairsin an dèidh mar a bha luchd-leantainn Celtic a' caith botail is rudan eile air oifigearan. Chaidh 14 daoine a chur ann an greim.

Hantavirus

Tha an soitheach-crùs Duitseach a tha aig teis-meadhan sgapadh den hantavirus air a ceann-ùidhe a ruighinn - port Rotterdam. Tha na h-ùghdarrasan an sin air planaichean a chur air dòigh airson an criutha de 23 daoine agus an dithis luchd-obrach meidigeach a bh' air bòrd a chumail fa leth.

Ionnsaighean an sgoiltean

Bha 35,000 ionnsaigh air luchd-obrach ann an sgoiltean na h-Alba anns a' bhliadhna sgoile mu dheireadh - rud a tha aonaidhean-ciùird ag ràdh a tha a-mach à smachd. Seo àrdachadh de 55% ann an dà bhliadhna. Tha na h-aonaidhean ag ràdh gu bheil a h-uile coltas ann gu bheil an àireamh ionnsaighean nas àirde buileach. Tha COSLA ag ràdh nach eil adhbhar sam bith a bhith a' smaoineachadh gu bheil an àireamh nas àirde ge-tà.

Tubaist-rathaid marbhtach

Bhàsaich fear an dèidh tubaist-rathaid motor-baidhseagail ann an Loch Abar an t-seachdain a chaidh. Dhearbh na poilis gun do chaochail fireannach, aois 60, anns an ospadal an dèidh na tubaiste a thachair feasgar Diardaoin air an A861 ann an Ceann Loch Mùideart. Tha na poilis ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic motor-baidhseagal Honda dubh ron tubaist fios a chur thuca.

Daoine air am bualadh le càr

Tha balach aois 12 bliadhna ann an suidheachadh gu math ìosal anns an ospadal an dèidh do chàr bualadh ann an grunn dhaoine ann an Sgìre Clach Mhannan. Thachair seo air Rathad Chlach Mhannan ann an Alloa, air pìos dhen rathad a bha dùinte, mu fhichead mionaid gu trì feasgar an-dè. Chaidh balach eile aois ochd bliadhna agus dithis bhoireannach cuideachd a thoirt dhan ospadal ach fhuair iadsan a-mach. Tha na poilis ag iarraidh air luchd-fianais tighinn air adhart.