Luaidh ga dhèanamh air Aonghas Grannd

Aonghas Grannd
  • Air fhoillseachadh

Tha luaidh ga dhèanamh air an fhìdhlear Abrach Aonghas Grannd a tha air bàsachadh aig aois 94.

Rugadh Aonghas ann an Dùn Èideann nuair a bha a theaghlach a' tadhal air a' bhaile ach bha freumhan domhain aige air a' Ghàidhealtachd.

Thogadh e ann an Cille Chuimein is thòisich e cluich na fìdhle nuair a bha e trì deug.

Chanadh e gur e stiùireadh a fhuair e bho uncail aig an àm sin an aon leasan riamh a rinn e.

Thog e fuinn bho athair is uncailean is bhiodh e a' cluich glè thric aig cruinneachaidhean san sgìre.

Thar nam bliadhnaichean choisinn e cliù mar fhear de shàr fhìdhlearan na h-Alba - "am fìdhlear ciotach" - agus cuideachd mar sgeulaiche air leth.

A thuilleadh air an sin, bha Aonghas gu math aithniche mar oide is e air tòrr fhìdhlearan òga a theagasg, mòran a ràinig fìor àrd-ìre iad fhèin.

Bhiodh iad le babannan dearga air na fìdhlean aca mar chomharra gur e Aonghas a theagaisg iad.

Baban dearg mar a bh' air fidheall Aonghais agus feadhainn a fhuair oideachadh bhuaithe
Fo-thiotal an deilbh,

Dhèanadh Aonghas babannan dearga do dh'fhìdhlearan a fhuair teagasg bhuaithe

Nam measg bha a mhac fhèin, Aonghas òg nach maireann, a bha e fhèin aithnichte mar fhìdhlear is a chluich le Shooglenifty.

Bha Ingrid NicEanraig is a bràithrean is peathraichean am measg luchd-ciùil eile a fhuair oideachadh bho Aonghas Grannd.

"Chan ann dìreach ceòl a bha sinn ag ionnsachadh bho Aonghas, bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn eachdraidh, mu bheul-aithris, na sgeulachdan aig cùl a' chiùil," thuirt Ingrid air Aithris na Maidne Diluain.

"Uaireannan bha thu 's dòcha a' cluich airson 20 mionaid ach an uairsin bha thu ag èisteachd ri sgeulachdan airson 's dòcha leth uair a thìde eile às dèidh làimh.

"'S e duine dìreach mìorbhaileach a bh' ann an Aonghas agus bha e car draoidheil a' dol a-staigh 'son leasanan".

Fo-thiotal,

Thog Ingrid cuideachd air mar a thug Aonghas buaidh air daoine air feadh an t-saoghail is mar a bha e fhathast a' teagasg aig aois 90.

Thuirt i gun robh àrach Aonghais ann an Loch Abar aig cridhe a chuid chiùil.

"Tha seòrsa de stoidhle Abrach ann - an aon seòrsa stoidhle a bh' aig Fearchar MacRath cuideachd nuair a bha mise òg.

"Ma tha thu a' smaointinn air Loch Abar tha thu a' smaointinn air Aonghas Grannd, Fearchar MacRath, Fergie air a' bhocsa.

"Bha buaidh mhòr ann bhon phìob ach bho òrain Ghàidhlig cuideachd.

"'S ann bhon sgìre a bha Aonghas, bha Gàidhlig aige, is tha mi a' smaointinn gun robh sin a' toirt blas air an t-seòrsa ciùil a bha e a' cluich is a' teagasg cuideachd."

Tha mòran thall 's a bhos cuideachd air a bhith a' dèanamh luaidh air Aonghas air na meadhanan-sòisealta.

Thuirt Bruce MacGriogair gur e fear-ciùil sònraichte a bh' ann, chan ann a-mhàin a thaobh mar a sheinn e an fhidheall ach cuideachd a thaobh a chuid eòlais is nan stòiridhean a bh' aige agus a chomasan mar thidsear.

Sgrìobh Màiri Anna NicUalraig gur e naidheachd fìor dhuilich a th' ann.

Thuirt Màiri Anna gun robh sgeulachd aig Aonghas Grannd "airson gach creig is craoibh fad a' Ghlinn Mhòir gu lèir."