Trioblaidean ChalMac a' leantainn 's an soitheach as trainge aca briste

Tha an Loch Seaforth ceangailte ris a' chidhe ann an Steòrnabhagh agus obair-càraidh a' leantainn oirre
- Air fhoillseachadh
Tha dùil ri fios madainn Diluain an tèid aig an MV Loch Seaforth a tha a' dol eadar Steòrnabhagh agus Ullapul air seòladh feasgar.
Tha i air a bhith ga càradh on bhris ramp a' chinn-toisich aice Là na Sàbaid.
Cha robh an Loch Seaforth gu bhith a' dol air ais a dh'Ullapul co-dhiù feasgar an-dè leis gun deach an seòladh a chur dheth agus dùil ri gaoith mhòir.
An Loch Seaforth a' seòladh a-rithist
- Air fhoillseachadh13 An Giblean 2023
Trioblaid an Loch Seaforth: "Tha buaidh gus a bhith aige air an sgìre"
- Air fhoillseachadh2 An Cèitean 2024
Nuair a ràinig i Steòrnabhagh bha luchd-siubhail còrr is uair de thìde air deic nan càraichean mus d' fhuair iad dheth.
'S ann tro dheic nan càraichean a tha luchd-siubhail air chois cuideachd a' faighinn far a' bhàta an-dràsta fhad 's a tha an drochaid-choise aca ga càradh.
Tha am bàta ceangailte ann an Steòrnabhagh agus innsidh CalMac an-diugh fhathast an seòl i feasgar.
Gheibhear fiosrachadh mu sheirbheisean na companaidh an seo., taobh a-muigh

Bha luchd-siubhail a' feitheamh còrr is uair de thìde Là na Sàbaid mus d' fhuair iad far an t-soithich
Seo an dùbhlan as ùire do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn a dh'innis an t-seachdain a chaidh gun robh faisg air an treas cuid den chabhlach aca a-mach à seirbheis.
Aig aon àm, bha sia bàtaichean mòra aca agus ceithir den fheadhainn bheaga an dàrna cuid briste neo a' faighinn na seirbheis bliadhnail aca.
B' fheudar dhaibh soithichean a ghluasad air feadh an lìonra airson agus gum faigheadh gach coimhearsnachd, thuirt iad, seirbheis air choireigin.
Dh'fhoillsich iad clàran-ama eadar-amail a mhaireas chun an 17mh là den Ghiblean.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 4 làithean
