Craobhan dùthchasach gan cur an Eige 'son connaidh 's nàdair

Eilean EigeTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha muinntir Eilean Eige a' cur nan deichean mhìltean chraobhan gus am bi fiodh gu leòr aca airson connaidh agus a chum maith na h-àrainneachd.

Chan eil an t-eilean ceangailte ris a' ghriod nàiseanta agus tha an sluagh an eisimeil sgeamaichean dealain beaga ath-nuadhachail is stòbhaichean airson solas agus teas nan dachaighean.

Thairis air na còig bliadhna a dh'fhalbh, tha eileanaich air còrr air 50,000 craobh a chur bho shìol a chruinnich iad bho choilltean agus planntachas coilltearachd air an eilean.

Chaidh na fiùrain, as urrainn seasamh ri sìde ghaothach an eilein, a chur a dh'eileanan eile, nam measg Barraigh agus Uibhist.

Tha e coltach nach e seo a' chiad turas a bha malairt eadar na h-eileanan agus iad air ionnsachadh gum b' àbhaist Eige a bhith a' cur chnòthan-calltainn a-null thuca.

Eilean Eige Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha diofar sheòrsachan chraobhan a' fàs ann an diofar phàirtean den eilean

'S e fear de na h-Eileanan Tarsainn, còmhla ri Eilean nam Muc, Canaigh agus Rùm, a th' ann an Eige.

Tha e mu 12 mìle a-mach à Malaig agus mu shia mìle de dh'fhaid agus ceithir mìle de mheud.

Bha muinntir Eige am measg a' chiad fheadhainn a cheannaich am fearann dhaibh fhèin nuair a ghabh a' choimhearsnachd smachd air an eilean ann an 1997.

'S i Tasha Fyffe, a rugadh agus a thogadh an Eige, a tha a' ruith lios-àraich an eilein.

Thòisich iad le beagan shìl a chuir iad a-muigh ann an 2018 mus d' fhuair iad tunail phlastaig bho thìr-mòr ann an 2019.

Thuirt i gun robh cothrom na b' fheàrr aig craobhan dùthchasach seach feadhainn bho thìr-mòr.

"Tha diofar ghnèithean a' fàs ann an diofar phàirtean den eilean, agus dh'atharraich iad a rèir na h-aimsire - faodaidh gum bi gaoth mhòr tric againn an seo," thuirt i.

"Tha a' chuimhne ghineach sin air a toirt seachad tro an sìol."

Tha calltainn, beithe agus darach am measg nan gnèithean dùthchasach.

Slighe tro choille ann an Eilean EigeTùs an deilbh, Getty Images

Tha clann-sgoile an eilein am measg nan saor-thoileach a th' air a bhith gan cuideachadh, agus tha Ms Fyffe ag ràdh gu bheil i air a bhith air feadh an eilein a' coimhead airson chraobhan.

Thuirt i gun deach na mìltean dhiubh a chur a-null a dh'Eilean nam Muc, Canaigh agus Rùm cho math ri coimhearsnachdan air taobh siar na Gàidhealtachd.

Nuair a fhuair iad òrdugh bho chroitearan am Barraigh agus Uibhist thàinig eachraidh inntinneach am follais.

"Bha uair agus bha slighe mhalairt ann eadar Eige agus na h-eileanan eile," thuirt i.

"B' àbhaist do dh'Eige cnòthan-calltainn a chur a dh'Uibhist is Bharraigh agus gheibheadh iad bathar a bhiodh aca-san."

Tha an lios-àraich an-dràsta a' sireadh taic a' phobaill gus airgead a thogail airson na h-obrach, a' cur barrachd chraobhan gu coimhearsnachdan air feadh a' chinn a tuath nam measg.

Tuilleadh air an sgeulachd seo