Naidheachdan 11:00m
Cosgaisean Cumhachd
Tha am Prìomhaire ag ràdh gu bheil an riaghaltas a' coimhead ri mar a b' urrainn buaidh chosgaisean bith-beò àrda dhaoine a lùghdachadh 's e ag aideachadh gu bheil èiginn romhainn le cosgaisean cumhachd air a' gheamhradh. Tha eòlaichean air innse dhan BhBC gur dòcha gum bi àrdachadh de 16% co-dhiù ann leis a' phrìs a tha e ceadaichte iarraidh airson gas agus dealain bhon Fhaoilleach, 's na prìsean sin co-dhiù gu bhith ag èirigh a-màireach.
An EU
Agus tha am Prìomhaire air innse dhan BhBC gur dòcha gum bi e fhathast a' moladh gu bheil còir aig Breatainn tilleadh dhan Aonadh Eòrpach. Tha Andy Burnham a' coimhead ri mar a b' urrainn ceanglaichean nas dlùithe a thogail leis an EU co-dhiù 's àrd-choinneamh gu bhith ann nas anmoiche air a' bhliadhna.
An Ucràin
Tha na h-ùghdarrasan anns an Ucràin ag ràdh gun deach co-dhiù còignear a mharbhadh agus 14 duine a ghoirteachadh ann an ionnsaighean Ruiseanach air an dùthaich tron oidhche. A rèir prìomhaire na dùthcha bha na h-ionnsaighean ag amas air bun-structar cumhachd, agus thuirt e gur e seo an ionnsaigh a bu mhiosa a bh' ann den t-seòrsa bhon earrach. Tha an àireamh agus neart aig na h-ionnsaighean Ruiseanach air an Ucràin air a dhol am meud bho chionn ghoirid.
Plèana
Tha itealan a bha a' sgèith à Dubai gu Tel Aviv air laighe ann an Saudi Aràibia na bu thràithe na bha dùil agus iad air èiginn air bòrd a ghairm. Chaidh aithris gun robh sabaid air a bhith ann eadar pìleatan air bòrd 's gun robh dithis phìleatan eile a bha a' siubhal air a' phlèana air a dhol an sàs airson am plèana a thoirt gu talamh gu sàbhailte.
Iorac
Tha na saighdearan Breatannach mu dheireadh a bha suidhichte ann an Iorac a-niste air an dùthaich fhàgail cuide ris na feachdan Aimeireaganach mu dheireadh agus iadsan cuideachd a' tarraing a-mach às an dùthaich. Tha mu 100 duine bho fheachdan armaichte Bhreatainn air a bhith stèidhichte ann an Irbil aig tuath. Bha iad air a bhith mar phàirt de dh'fheachd eadar-nàiseanta a chuireadh gu Iorac ann an iomairt gus stad a chur air an Stàit Ioslamaich ann an 2014. Thuirt Prìomhaire Iorac gun robh linn ùr de dh'uachdranas orra fhèin a-niste a' tòiseachadh.
Peter Murrell
Tha Peter Murrell a bha roimhe na àrd-oifigear air an SNP 's a chaidh a chur dhan phrìosan airson na ceudan mhìltean notaichean a ghoid bhon phartaidh air an taic-airgid laghail aige a chall. Bha e an-uiridh air an taic fhaighinn agus sin anns a' chumantas a' dol gu daoine nach urrainn pàigheadh airson nan cosgaisean laghail aca fhèin. Tha am pàipear-naidheachd an Scotsman ag aithris an-diugh ge-tà, gun deach innse dha Murrell anns an Iuchar nach bi e tuilleadh a' faighinn sin.