Fatboy Slim, James agus Amy Macdonald aig Belladrum 2027

Fatboy SlimTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Fatboy Slim air cluich aig fèis RockNess ceithir tursan fhad 's a bha sin a' dol, ach 's e seo a' chiad turas aige aig Belladrum

  • Air fhoillseachadh

Chaidh Fatboy Slim, James agus Amy Macdonald ainmeachadh aig bàrr a' chlàr-ghnothaich airson fèis Bhelladrum na h-ath-bhliadhna.

Thàinig air a' chòmhlan indie James, à Manchester, - a bhios aig bàrr ghnothaichean oidhche Ardaoin - tarraing a-mach às an fhèis am-bliadhna, an dèidh don t-seinneadair Tim Booth a ghuth a chall.

Oidhche Haoine, bi Fatboy Slim, a tha cuideachd aithnichte mar DJ Norman Cook, à Brighton, a' nochdadh airson a' chiad turas aige gu tuath ann an 14 bliadhna. Chluich e roimhe aig RockNess.

Tim Booth aig JamesTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Thàinig air James tarraing a-mach à fèis na bliadhna seo 's an seinneadair Tim Booth air a ghuth a chall.

Bidh an seinneadair-sgrìobhaiche Albannach Amy Macdonald sa phrìomh spot oidhche Shathairne, 20 bliadhna bho chluich i an toiseach aig Belladrum.

Thèid an fhèis, faisg air a' Mhanachainn, a chumail eadar an 29mh là agus an 31mh là den Iuchar.

"Thuirt sinn na bu thràithe den t-samhradh gun robh sinn air ar prìomh chòmhlan as motha fhathast a bhucadh, agus tha e air a bhith uabhasach doirbh seo a chumail sàmhach," thuirt riochdaire na fèise, Dougie Brown.

Amy MacdonaldTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha 20 bliadhna bho chluich Amy Macdonald aig Belladrum an toiseach

"Tha e a' faireachdainn gu math sònraichte mu dheireadh thall a bhith ag ainmeachadh Fatboy Slim, a thuilleadh air James agus Amy Macdonald - dà chòmhlan sònraichte eile.

"Trì cheòladairean gu math eadar-dhealaichte, ach gach aon le ceangal do-chreidsinneach ris an luchd-amhairc againne."

An dèidh mar a thàinig air James tarraing a-mach, chaidh Razorlight a ghluasad suas dhan phrìomh slot oidhche Ardaoin am-bliadhna, agus chaidh iarraidh air an t-seinneadair Albannach Cammy Barnes an slot acasan a lìonadh.

Chluich Fatboy Slim ceithir tursan aig fèis RockNess ann an Durais, a' chiad tè ann an 2006, agus an tè mu dheireadh ann an 2013 nam measg.

Tuilleadh air an sgeulachd seo