Mì-thoileachas mu sholais-thrafaig aig 'Drochaid thar a' Chuain Shiar'

Drochaid a' ChlachainTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha sgaradh bheachd ann mu cho èifeachdach 's a bhios na solais-thrafaig a thathar a' moladh air an drochaid Clas A a thogadh bho chionn còrr is 200 bliadhna

  • Air fhoillseachadh

Tha luchd-còmhnaidh ann an trì eileanan an Earra-Ghàidheal far an dòigh gum bi solais-thrafaig gan cur an-àirde aig an aon drochaid eadar iad agus tìr-mòr.

Tha Drochaid a' Chlachain, a tha cuideachd aithnichte mar an Drochaid thar a' Chuain Shiar, a' ceangal Eilean Saoil ri tìr-mòr agus 's e an aon drochaid ann do dhaoine ann an Luinn agus Èisdeal.

Tha cuid de dh'eileanaich mì-thoilichte gun do thòisich Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid obair gus solais-thrafaig a chur suas aig gach ceann dhith air adhbharan sàbhailteachd.

Tha eileanaich ag ràdh nach deach bruidhinn riutha, gun adhbharaich na solais trioblaidean agus dh'iarr iad air an ùghdarras ionadail stad a chur air an obair.

Chaidh 1,200 ainm a chur ri athchuinge ann an nas lugha na seachdain - cha mhòr a dhà uimhir 's a tha a' fuireach ann an Eilean Saoil, Luing agus Èisdeal uile gu lèir.

Sarah NicNeacail aig Drochaid a' Chlachain
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Sarah NicNeacail am measg an fheadhainn a tha den bheachd nach cuir na solais ach ri trioblaidean trafaig seach an leasachadh

Tha an neach-còmhnaidh ionadail Sarah NicNeacail le dragh gum fàg na bhios de charbadan nan tàmh aig na solais nach bi an drochaid cho tlachdmhor dhaibhsan a thig airson a dhol tarsainn oirre air chois neo air rothair neo airson dealbh a thogail.

"Tachraidh seo ann am mìosan an t-samhraidh leis gum bi mòran a bharrachd luchd-tadhail a' tighinn an seo agus cha bhi e cho càilear do dhaoine," thuirt i.

Tha Comhairle Coimhearsnachd Eilean Saoil agus Èisdeil le dragh nach bi àite ann tuilleadh far an urrainn de bhusaichean an luchd-turais stad.

Tha iad cuideachd ag ràdh gum bi an trafaig a tha a' feitheamh aig na solais san rathad air làraidhean mòra agus acasan ri dhol air an taobh cheàrr den rathad airson faighinn tarsainn na drochaide.

Tha rathad dùbailte air gach ceann dhith ach chan eil ach slighe shingilte air an structar Clas A a tha 234 bliadhna de dh'aois.

Thuirt Comhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid nach fhaic dràibhearan agus rothaichean air aon cheann dhith ma tha daoine a' tighinn bhon taobh eile.

Tha dragh air an ùghdarras ionadail gum bi tubaist oirre, agus gum bi an aon rathad do na h-eileanan dùinte.

Tha iad ag ràdh gu bheil iad a' cur nan solas ann an dèidh draghan a thog am poball, agus gu bheil Poileas Alba a' cur taic ris an obair.

Julie NicCoinnich
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an Comh Julie NicCoinnich ag iarraidh air an ùghdarras ionadail ath-bheachdachadh air a' phlana

Tha Comhairle Coimhearsnachd Eilean Saoil agus Èisdeil a' gabhail ris gu bheil cuid de luchd-còmhnaidh a' cur fàilte air a' phlana.

Ge-tà, tha iad ag ràdh gur e "diktat" a bh' anns a' cho-dhùnadh agus tha iad a' cur ìmpidh air Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid làn-chonaltradh poblach a dhèanamh.

Nam beachd, tha àitichean nas cunnartaiche air na rathaidean aca far am bu chòir airgead a bhith air a chosg air adhbharan sàbhailteachd.

Tha comhairliche na sgìre Julie NicCoinnich an dòchas "gun tig a' Chomhairle chun a' bhùird leis a' choimhearsnachd".

"Tha àite ann airson ath-bheachdachadh mus dèan a' Chomhairle rudeigin nach urrainn dhaibh a dhol air ais air," thuirt i.

Drochaid a' Chlachain

Tha Ms NicCoinnich agus muinntir an àite ag iarraidh gum bi Measadh Buaidh air Coimhearsnachd Eileanach air planaichean an ùghdarrais ionadail.

Ann am brath, thuirt Comhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid gum bi sin "mar as àbhaist a' coimhead air a' bhuaidh air eaconomaidh, coimhearsnachd agus deamografaidh".

Thuirt neach-labhairt: "Chan eil na solais-thrafaig a' toirt buaidh air àireamh an t-sluaigh neo a' cur uallaich a bharrachd air luchd-còmhnaidh Eilean Saoil, Luinn neo Èisdeal."

Ghabh iad ris gum b' urrainn dhaibh a bhith air conaltradh na b' fheàrr agus na bu thràithe a dhèanamh leis a' choimhearsnachd, agus dh'iarr iad orra an leisgeul a ghabhail.

Thuirt iad gum biodh oifigearan deònach coinneachadh ri riochdairean na coimhearsnachd, ach thuirt iad gur e an t-amas aca an drochaid a dhèanamh nas sàbhailte don a h-uile duine a bhios a' dol tarsainn oirre.