Fuasgladh ri lorg fhathast 'son aiseagan ùra do Chaolas na Hearadh is Caolas Bharraigh

An Loch Portain aig a chidhe anns an t-Ob
LeAilean MacLeòid
Fear-naideachd DidseatachAg aithris àsNa Hearadh
  • Air fhoillseachadh

Dhearbh Àrd-Oifigear Còmhdhail Alba nach biodh e laghail - an-dràsta - cùmhnantan airson aiseagan ùra do Chaolas na Hearadh agus Caolas Bharraigh a thoirt gu dìreach do Ghàrradh MhicFhearghais.

A' bruidhinn aig Comataidh na Còmhdhail aig Holyrood, thuirt Alison Irvine gun robh obair a' leantainn ann an oidhirp faighinn seachad air na cnapan-starra laghail.

Thuirt i gun robh an obair sin air a bhith a' dol fad mhìosan ach nach robh dùil aig an ìre seo gun toireadh e buaidh air clàr-ama a' phròiseict air a' cheann-thall.

Dh'innis an riaghaltas sa Mhàrt gun rachadh cùmhnantan airson ceithir bàtaichean ùra a thogail a thoirt seachad gu dìreach dhan ghàrradh.

Carabadan a' tighinn agus a falbh aig cidhe an t-Òib.

A' bruidhinn ann am Pàrlamaid na h-Alba, thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear aig an àm, Ceit Fhoirbeis, gum fosgladh na ceithir cùmhnantan cothrom air taic-airgid £14.2m gus Gàrradh MhicFhearghais ùrachadh.

Dh'iarr aonadh an GBM dearbhadh air na cùmhnantan san Iuchar, ach chan eil siud air tighinn fhathast.

Anns an eadar-ama, tha Gàrradh MhicFhearghais air innse gun geàrr iad an carteil cuid den luchd-obrach aca.

Bha iomairt air a bhith ann cuideachd gus an cùmhnant airson soitheach ùr an àite an Lord of the Isles a thoirt don ghàrradh, ach chaidh sin a-mach gu tairgse na bu thràithe am bliadhna.