18 bliadhna prìosain air fear a dh'èignich boireannaich air Ghàidhealtachd

- Air fhoillseachadh
Chaidh fear a thug ionnsaigh air boireannaich air a' Ghàidhealtachd 's ann am Fìobha, thairis air 15 bliadhna, a chur dhan phrìosan airson 18 bliadhna.
B' àbhaist do Dariusz Matejewicz, 39, a bhith a' fuireach ann an Gàrraidhean Springfield ann an Inbhir Nis.
Eadar 2007 agus 2022 dh'èignich e 's thug e ionnsaigh air boireannaich ann an Inbhir Nis, san Aghaidh Mhòir, Inbhir Pheofharain agus Gleann Rathais.
A thuilleadh air ionnsaigh fhisigeach a thoirt air aon tè, chùm e a làmh ri cucar teth agus mhaoidh e gun robh e a' dol ga marbhadh.
Thug e cuideachd ionnsaigh air leanabh a bha cho dona 's gun do dh'fhàg e beatha an leabaibh ann an cunnart.
Sa Ghiblean, chaidh Matejewicz fhaighinn ciontach de dhusan casaid aig an Àrd-chùirt ann an Dùn Èideann.
Bha còig casaidean èigneachaidh nam measg.
Chaidh cuideachd a chur air clàr nan drabastairean.
San àrd-chùirt ann an Sruighlea an-diugh, chuir am Morair Stiùbhart binn de 25 bliadhna air - 18 dhiubh sa phrìosan agus seachd sa choimhmhearsnachd.
Thèid a thilleadh dhan phrìosan ma bhios e ri eucoir a-rithist.