Tuilleadh bhall air Comataidh na Ceadachd fhàgail is fear air seasamh sìos mar chomhairliche

Tha Uilleam MacAoidh (clì) air a' chomhairle fhàgail an dèidh dha a' chomataidh fhàgail còmhla ri Sean Ceanadach, Donnchadh Mac a' Phearsain agus John Grafton
- Air fhoillseachadh
Tha a-niste ceathrar chomhairlichean air comataidh ceadachd Comhairle na Gàidhealtachd fhàgail is fear dhiubh air seasamh sìos gu tur mar chomhairliche an dèidh co-dhùnadh leigeil le fear a chaidh a dhìteadh airson boireannach èigneachadh a chead tacsaidh a ruith a chumail.
Dh'èignich David Brown boireannach a bha 18 bliadhna de dh'aois a bha a' siubhal san tacsaidh aige mus do dh'fhàg e i a-muigh san fhuachd ann an Inbhir Pheofharain san Dùbhlachd 2023.
Chaidh sia bliadhna agus naoi mìosan sa phrìosan air Brown, a tha 50 agus à Crothaidh, sa Chèitean am-bliadhna.
Thugadh cead tacsaidh a dhraibheadh bhuaithe, ach aig coinneimh de Chomataidh na Ceadachd aig Comhairle na Gàidhealtachd air a' mhìos a chaidh, chaidh co-dhùnadh leigeil leis an cead a th' aige airson tagsaidh a ruith a chumail.
Bha sin a dh'aindeoin 's gun do chuir Poileas Alba an aghaidh sin.
Bha bhall dha teaghlach Brown air nochdadh air beulaibh na comataidh le iarrtas nach dèidheadh cead a tharraing.
Dh'èignich draibhear tagsaidh deugaire mus do dh'fhàg e i a-muigh an sìde reòta
- Air fhoillseachadh15 An Cèitean
Cumaidh draibhear tagsaidh a dh' èignich deugaire air Ghàidhealtachd a chead tagsaidh a ruith
- Air fhoillseachadhBho chionn 6 làithean
Bha ùpraid mhòr ann gu poblach nuair a thàinig co-dhùnadh na comataidh am follais is dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gun tèid an gnothach a dheasbad às ùr aig coinneimh den làn-chomhairle.
Tha cuideam cuideachd air a dhol air na comhairlichean a rinn an co-dhùnadh.
Tha a-niste fear dhiubh, ball Inbhir Ùige agus Taobh Sear Ghallaibh, Willie MacAoidh, air Comhairle na Gàidhealtachd fhàgail gu tur.
Tha triùir eile - na comhairlichean John Grafton, Donnchadh Mac a' Phearsain, agus cathraiche na comataidh Sean Ceanadach - air Comataidh na Ceadachd fhàgail.
Chuir Lib Deamaich na comhairle Mgr Grafton a-mach às a' bhuidhinn is gheall iad obrachadh le buidhnean eile aig an ùghdarras ionadail airson ath-sgrùdadh a dhèanamh air dòighean-obrach is pròiseasan Comataidh na Ceadachd.
Thuirt ceannard na comhairle, an comhairliche SNP Rèamonn Bremner: "Leis a h-uile càil a th' air a bhith a' tachairt thairis air na làithean mu dheireadh tha mi an dòchas gur ann air a' bhuaidh a tha seo a' toirt air an tè a dh'fhuiling a tha ciad smuaintean dhaoine, agus nas fharsainne boireannaich eile air Ghàidhealtachd.
"'S e mo bheachd pearsanta fhèin gum bu chòir don Chomh Birt eisimpleir chàich a leantainn 's seasamh sìos bhon chomataidh.
"Thèid fios a thoirt a-màireach do mo cho-obraichean SNP agus tha fhios agam gum bi an cuid bheachdan aig cuid aca ri chur an cèill air seo.
"Mar a tha fhios againn thèid an gnothach a-niste a dheasbad aig coinneimh den làn-chomhairle."
Comhairliche air comataidh fhàgail is buaireadh mu chead draibhear tagsaidh a dh'èignich deugaire a' leantainn
- Air fhoillseachadhBho chionn 2 làithean
Fearg nach do chaill draibhear tagsaidh a dh'èignich deugaire cead tagsaidh a ruith
- Air fhoillseachadhBho chionn 4 làithean
Comhairliche eile air comataidh fhàgail is buaireadh mu chead tagsaidh èigniche a' leantainn
- Air fhoillseachadhBho chionn 9 uairean
Tha buidhnean carthannais èigneachaidh am measg na th' air co-dhùnadh na comataidh a chàineadh.
A rèir Seirbheis Èigneachaidh agus Droch-dhìol Feiseil na Gàidhealtachd (RASASH) tha an co-dhùnadh gun cead a thoirt bho Brown a' toirt "teachdaireachd mhillteach" do bhoireannaich.
An t-seachdain a chaidh, thuirt Àrd-oifigear RASASH, Romy Rehfeld ris a' BhBC, gun toireadh co-dhùnadh na comataidh buaidh air daoine a th' air droch-dhìol feiseil fhulang.
"Tha boireannaich agus clann-nighean air a' Ghàidhealtachd airidh air faighinn a-mach carson nach deach èisteachd ri Poileas Alba," thuirt i.
Thàinig càineadh bho thè de bhuill na Gàidhealtachd aig Holyrood, Maree Todd, cuideachd.