Morair MacAoidh na Claise Feàrna air bàsachadh

Morair MacAoidh na Claise FeàrnaTùs an deilbh, Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte
  • Air fhoillseachadh

Tha luaidh ga dhèanamh air a' Mhorair MacAoidh, a bha na mhinistear chaibineit fo Mhairead Thatcher agus John Major, 's a th' air bàsachadh aig aois 99.

Chaidh spèis mhòr a nochdadh dhan mhorair Thòraidheach, a bha roimhe na Mhorair Tagraidh ann an Alba, agus luaidh ga dhèanamh air aig Westminster.

Bha e na Àrd-Sheansalair ann an Taigh nam Morairean airson deich bliadhna eadar 1987 agus 1997.

Bha e cuideachd na bhritheamh air Prìomh Chùirt na h-Alba.

Rugadh Seumas MacAoidh ann an Dùn Èideann ann an 1927, agus chaidh ainmeachadh mar Neach-tagraidh na Banrigh ann an 1965, a' dol na dheadhan air Roinn nan Adhna (Faculty of Advocates) a tha os cionn luchd-lagha na h-Alba, eadar 1976 agus 1979.

B' ann an dèidh sin a chaidh ainmeachadh mar Mhorair Tagraidh, an t-oifigear lagha as àirde dhreuchd an Alba, agus rinneadh morair fad beatha dheth dhan Phartaidh Thòraidheach ann an 1979, a' toirt ainm na moraireachd aige à loch ann an Dùthaich MhicAoidh ri taobh an taighe san do rugadh athair - Loch na Claise Feàrna.

"Eagal Dhè"

Dh'fhàg e Taigh nam Morairean ann an 2022 aig aois 95.

Chualas osna ann an Taigh nam Morairean nuair a dh'innis Labhraiche an taighe do bhuill gun robh am Morair MacAoidh air bàsachadh.

Thuirt am Morair Wolfson Tredegar: "B' e sàr-Thòraidheach a bh' ann, sàr-fhear-lagha, sàr-Àrd-Sheansalair agus na fhear aig an robh creideamh domhain Chrìosdail, a bha beò a rèir fhacal an t-Soisgeil, ""Bidh esan a riaghlas os cionn dhaoine cearta a' riaghladh ann an eagal Dhè."

Air a thogail anns an Eaglais Shaoir Chlèirich, dh'fhàg am Morair MacAoidh an eaglais ann an 1989 an dèidh eas-aonta mu mar a chaidh e gu aifreannan tiodhlacaidh Caitligeach dithis charaidean dha.

Dh'adhbharaich an t-eas-aonta sgaradh san eaglais, a stèidhich Comann nan Eaglaisean Clèireach (Associated Presbyterian Churches).