Naidheachdan 11:00m
Ankara
Tha ceannardan NATO a' coinneachadh airson àrd-choinneimh anns an Tuirc. Tha dùil gum bi iad a' deasbad taic dhan Ucràin anns a' chogadh ris an Ruis. Tha an Ceann-Suidhe Zelensky air a bhith ag iarraidh tuilleadh cuideachaidh bho NATO airson dìon a chur air sìobhaltaich anns an Ucràin bho ionnsaighean adhair Ruiseannach.
Comhairle na Gàidhealtachd
Chaidh iarraidh air comhairliche Gàidhealach a bhòt airson cead tacsaidh fhàgail aig fear a rinn èigneachadh a dhreuchd air Comataidh na Ceadachd a leigeil dheth. Thuirt ceannard na comhairle, Rèamonn Bremner, gum bu chòir dhan Chomh Chris Birt dèanamh mar a rinn ceathrar bhall eile a chuir bhuapa an àite air a' chomataidh. Dh'fhàg fear dhiubh sin a' chomhairle uile gu lèir. Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun tèid co-dhùnadh na comataidh ceadachd a dheasbad aig làn-choinneimh comhairle a dh'aithghearr.
Am Prionnsa Harry
Tha am Prionnsa Harry aig toiseach turas còig là dhan Rìoghachd Aonaichte. Tha dùil gun cluinn am prionnsa ro dheireadh na seachdain seo dè an co-dhùnadh dhan tig cùis-lagha a thog esan agus feadhainn an aghaidh na companaidh dham buin an Daily Mail. Tha iad a' fàgail air Associated Newspapers gun robh iad ri farchluais air na fònaichean aca agus a' mealladh dhaoine airson fiosrachadh pearsanta fhaighinn mun dèidhinn. Tha Associated Newspapers a' dol às àicheadh nan casaidean sin.
Bancaichean
Thuirt Ùghdarras Modh an Ionmhais gu bheil feadhainn de na bancaichean as motha san Rìoghachd Aonaichte a' trèigsinn an luchd-cleachdaidh as fheumaiche agus gan cur ann an cruadal le cunntasan banca nach eil a' freagairt orra. Dh'aontaich naoi de na bancaichean agus comainn togail as motha gun dèan iad cùisean nas fhasa do luchd-cleachdaidh.
Prìs Thaighean
Tha figearan ùra ag ràdh gun do dh'èirich prìs thaighean anns a' chumantas anns an Rìoghachd Aonaichte mìos an dèidh mìos airson a' chiad uair bhon Ghearran. Tha Buidheann Bancaidh Lloyds ag ràdh gun robh àrdachadh 0.2% ann san Ògmhios, a' toirt prìs dhachaigh anns a' chumantas gu faisg air £300,000.